Bacadh air deoch-làidir air Ghàidhealtachd

  • 7 An t-Samhain 2013
Deoch-làidir Image copyright Corbis
Image caption Thathas a' tomhas gu bheil mu 16,000 neach air am beò-ghlacadh le deoch-làidir air Ghàidhealtachd.

Bu chòir bacadh a chur air gnìomhachasan cead iarraidh airson deoch-làidir a reic ann am pàirtean den Ghàidhealtachd a rèir Poilis na h-Alba.

Tha iad a' toirt taic dha na planaichean airson cur an aghaidh nan iarrtasan sin ann an 25 sgìre air a' Ghàìdhealtachd.

Rinn Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd co-chomhairleachadh air grunn roghainnean a dh'fhaodadh bacadh a chur air an àireimh de bhùithdean aig a bheil cead deoch-làidir a reic.

Tha seo a' tighinn an dèidh do sgrùdadh sealltainn gu bheil mu 40% de dh'inbhich air a' Ghàidhealtachd ag òl barrachd deoch-làidir a h-uile seachdain na an ìre a th' air a moladh.

Thathas a' tomhas gu bheil mu 16,000 neach air a' Ghàidhealtachd air am beò-ghlacadh le deòch-làidir.

Dh'ainmich NHS na Gàidhealtachd 25 sgìre far a bheil an trioblaid buileach dona.

Chuir Poilis na h-Alba taic ri roghainn far an deadh bacadh a chur air gnìomhachasan bho bhith a' sireadh chead gus deòch-làidir a reic anns na sgìrean sònraichte seo.

'S iad na sgìrean: Inbhir Ghòrdain, Inbhir Pheofharain, Baile Dhùthaich, Alanais, Inbhir Narann an Ear, Loch Aillse, Dùthaich MhicAoidh, Asainnte, Inbhir Theòrsa an Iar, Inbhir Theòrsa an Ear, Gallaibh a Deas, Cinn an Iar-thuath, a Deas agus an Ear-thuath an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair an Ear agus a Tuath, Inbhir Ùige a Tuath is a Deas, An Gearasdan a Deas agus a Tuath.

Tha cuideachd sgìrean de bhaile Inbhir Nis gan comharrachadh: Druimeann, Ceann a' Mhìlidh, Baile a' Chnuic, Baile an Fhraoich, Meadhan, an Ràthaig Mòr, an Longman, Baile na Faire, Dail an Eich agus a' Mharc-innis.

Thèid a' chùis a dheasbad aig coinneimh Bhòrd Ceadachd na Gàidhealtachd an ath-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile