Eus-aonta mu riochdachadh eaglaise ann am foghlam

  • 6 An t-Samhain 2013
Iain Finnie BPA Image copyright Scottish Parliament
Image caption Bidh an co-chomhairleachadh mun mholadh aig Iain Finnie 'son bile phriobhaidich fosgailte gu an 20mh den Fhaoilleach.

Tha mì-thoileachas san Eaglais Shaoir mu mholadh bile a chur mu choinneamh na Pàrlamaid Albannaich a tha ag amas stad a chur air riochdairean eaglaise bho a bhith a' bhòtadh air gnothaichean foghlaim aig ùghdarrasan ionadail.

Chuir am ball neo-eisimeileach, Iain Finnie, am moladh 'son a' bhile phrìobhaidich aige air adhart an t-seachdain seo, 's e den bheachd nach eil e idir iomchaidh gu bheil àiteachan glèidhte aig riochdairean eaglaise air comataidhean foghlaim.

Prionnsabalan Crìosdail

Thuirt an t-Urr. Seaumas MacÌomhair, bhon Eaglais Shaoir, gu bheil e cudromach dha-rìribh gu bheil eaglaisean an sàs ann an gnothaichean foghlaim.

"Tha barrachd air a ghabhail a-steach ann, na dìreach gum biodh na sgoiltean a' teagasg creideamh Crìosdail.

"Tha sinne den bheachd gu bheil daoine saor airson a bhith a' creidsinn an rud a tha iad ag iarraidh a chreidsinn, ach cuideachd gu bheil a h-uile cuspair air a theagasg, mar a tha sinn ga fhaicinn a bu chòir na cuspairean sin a bhith air a theagasg, air bhonn prionnnsabail Crìosdaidheachd agus chan e a-mhàin a bhith a' teagasg Crìosdaidheachd fhèin anns na sgòiltean, ach am bonn a th' ann airson nan cuspairean eile, 's ann ann an Crìosdaidheachd a tha iad air an suidheachadh a rèir eachdraidh suas chun a seo.

"Sin as coireach gu bheil mi a' smaoineachadh gu bheil an rud a tha ann an seo a' toirt atharrachadh mòr a-steach," thuirt Mgr MacÌomhair

Ath-leasachadh

Tha an t-àite a th' aig riochdairean eaglaise air comataidhean foghlaim a' dol air ais gu na 1870an nuair a chaidh uallach 'son sgoiltean a ghluasad bho eaglaisean chun na Stàite.

Chaidh aontachadh an uair sin gum biodh eaglaisean fhathast an sàs ann an gnothaichean foghlaim.

Tha an t-Urr. Daibhidh Robasdan, a tha cuideachd san Eaglais Shaoir, ag ràdh gum feumadh siostam foghlaim na h-Alba a bhith air ath-leasachadh air fad ma thèid gabhail ris a' bhile.

"Mur a bi foghlaim stèidhichte air prionnsabalan Crìosdail feumaidh fios a bhith againn dè na prionnsabalan agus "ethos" air am bi e stèidhichte.

"Ma tha an Stàit ag iarraidh na sgoiltean againn a thilleadh thugainn agus leigeil leinne na sgoiltean a ruith ann an siostam Criosdail Albannach traidiseanta, sin mar a bhitheas," thuirt mgr Robasdan.

Taic

Leis nach eil na riochdairean eaglaise air an taghadh leis a' phoball, tha Mgr Finnie den bheachd nach eil còir dheamocratach aca a bhith a' bruidhinn às leth a' phobaill san fharsaingeachd.

Tha am Ball-Pàrlamaid neo-eisimeileach air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' moladh cur às dhan dleasdanas a th' air ùghdarrasan iondail riochdairean eaglaise a chur air comataidhean foghlaim.

Tha e airson 's nach bi cead aig buill comataidh, nach deach a thaghadh leis a' phoball, bhòtadh agus tha e ag iarraidh gun tèid buil bhòtaichean aig ùghdarrasan ionadail fhoillseachadh gu poblach.

Tha e cuideachd airson 's gum bi coinneamhan poblach chomhairlean air an craoladh air an eadar-lìon.

Chuir Comann Saoghalta Dhùn Èideann fàilte air a' bhile a tha Mgr Finnie a' moladh.

"Tha sinne den bheachd gu bheil am bile seo a' toirt cothrom Alba a dhèanamh nas cothromaiche, le ùghdarrasan ionadail a tha nas deomocrataiche agus nas fhosgailte," thuirt an Comann.

Thòisich co-chomhairleachadh air a' bhile agus tha mu 12 seachdain aig daoine agus buidhnean am beachdan a chur air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile