Iarrtas airson casg a' bhioraich a thogail

  • 6 An t-Samhain 2013
Bàt-iasgaich
Image caption Bidh bàtaichean a' glacadh an èisg an cois èisg eile.

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Caidreachas Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an t-àm ann cead a thoirt do dh'iasgairean nan eilean bioraich a chur air tìr a-rithist.

Tha dìon air an iasg sin anns a' Chuan Sgìth, agus feumaidh iasagairean biorach a ghlacas iad a thilgeil air ais.

Ach tha beachd ann gu bheil an stoc falainn a-rithist, agus tha sgeama a' tòiseachadh a nì tòmhas air na h-àireamhan.

Bha an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, aig ceann coinneimh ann an Steòrnabhagh Dimàirt airson pròiseact ùr a chur air chois, air a bheil Pròiseact Bhiorach Co-bhanntachd Saidheans an Iasgaich.

Riaghailtean ùra

Tha Institiùd Mara na h-Alba, a tha stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal, agus na companaidhean Barratlantic, agus Islander Shellfish ag obrachadh còmhla airson a' phròiseict.

Bidh am pròiseact a' leantainn thairis air an dà gheamhradh a tha romhainn, 's e ag amas air tòmhas a dhèanamh air na th' ann den iasg, agus dè cho falainn 's tha stocan.

"Chaidh aontachadh pròiseact a thoirt air n-aghaidh airson fiosrachadh fhaighinn air bioraich," thuirt an Comh. Dòmhnall Manford.

"Tha e uabhasach gu bheil iasgairean a' faighinn an èisg a tha seo, nach urrainn dhaibh fuireach clìor às e, 's nach urrainn dhaibh a chur air tìr airson a reic.

"Tha an Roinn Eòrpa ag ràdh gu bheil iad uabhasach gann, ach tha an t-uabhas ann dhiubh, agus tha e doirbh fuireach clìor às iad.

"Feumaidh sinn am fiosrachadh sin a chur chun nan riaghaltasan anns an Roinn Eòrpa ann an dòigh 's gum feum e a bhith air a chreidsinn.

"Tha an-dràsta ceithir bàtaichean air an comharrachadh agus a' faighinn cothrom a bharrachd an t-iasg a tha seo a chur air tìr, far am bi e air a thòmhas agus air coimhead ris, feuch dè seòrsa èisg a th' ann, dè cho làidir 's a tha e, dè an aois a tha e 's fiosrachadh den t-seòrsa sin," thuirt e.

Thig riaghailtean ùra a thaobh an iasgaich a-steach ann an 2016, agus tha Mgr Manford ag ràdh gu bheil e èiseil a bhith a' cur na h-argamaid air adhart airson an t-iasgach seo fhosgladh a-rithist ron àm sin.

"Tha e uabhasach uabhasach cudromach gum bi fhios againn air a h-uile seòrsa èisg a th' anns na h-uisgeachan againn co-dhiù, gus an urrainn dha na h-iasgairean tighinn air aghaidh le dòighean ceart air coimhead às a dhèidh, agus dòighean as urrainn dhan a h-uile duine a bhith air bòrd, a ghabhas làimhseachadh ris an iasg.

"Agus tha e uabhasach riatanach gum bi a h-uile fiosrachadh againn gus nach tèid bacadh a chur air a dhol a chomhair an iasgaich seo idir le fiosrachadh ceàrr.

"Chan eil iasgair sam bith a' cur a-mach airson an èisg a tha seo, ach 's e dìreach ma thachras 's gum faigh thu e nuair a tha thu ag iasgach airson èisg eile.

"Thathas a' faireachdainn gum faodadh sin a bhith suas gu £5-10,000 sa bhliadhna a tha ga shadadh air falbh.

"'S e airgead mòr a tha sin, gu seachd-àraid nuair a tha an t-iasg sin ga cheannach o dhùthchannan eile," thuirt e.