Comhairle nam Pàrant a' seasamh sìos

  • 6 An t-Samhain 2013
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Thèid a' choinneamh èiginneach a chumail air 19mh na Samhna.

Tha Comhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' dearbhadh gun leig iad dhiubh an dreuchdan aig coinneimh èiginnich nas fhaide air a' mhìos.

Tha a' bhuidheann mì-thoilichte leis mar a chaidh na h-agallamhan deireannach airson ceannard stèidhichte fhaighinn dhan sgoile a làimhseachadh.

Chaidh Seumas Lyon, a bha ron a seo na cheannard eadar-amail o chionn bliadhna, ainmeachadh mar cheannard sgoile làn-ùine Diluain.

Tha Mgr Lyon ag ionnsachadh na Gàidhlig, ach chan eil e fileanta fhathast.

Sgaradh

Ann an litir a chuir Comhairle nam Pàrant a-mach gu pàrantan na sgoile, dh'innis iad mar a chaidh am pròiseas airson ceannard fhastadh atharrachadh an-uiridh, nuair nach deach lorg fhaighinn air ceannard ùr.

Dh'atharraich Comhairle na Gàidhealtachd na bha iad ag iarraidh ann an tagraichean anns an t-sanas-obrach, agus thug iad a-steach beachdan phàrantan don phròiseas.

Lorg am pròiseas sin na h-uidhir de thagraichean, agus chaidh agallamhan a dhèanamh Dihaoine seo chaidh.

'S ann mun ìre sin den phròiseas a tha Comhairle nam Pàrant draghail, 's iad ag ràdh gun tug e a-steach comhairlichean agus luchd-obrach proifeasanta a thuilleadh air pàrantan, agus gun robh sgaradh ann eadar amasan Comhairle nam Pàrant agus amasan Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha Comhairle nam Pàrant ag ràdh gun robh pàrantan ag iarraidh ceannard a bha fileanta sa Ghàidhlig, agus gun do cho-dhùin Comhairle na Gàidhealtachd slighe eile a ghabhail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà, ag ràdh gu bheil iad toilichte gu bheil iad air cuideigin a lorg a-nis airson na dreuchd, a th' air a bhith air a lìonadh gu h-eadar-amail o chionn ceithir bliadhna.

Cumaidh Comhairle nam Pàrant a' choinneamh èiginneach aca air an 19mh là den mhìos seo, agus leigidh na buill dhiubh an dreuchdan gu h-oifigeil.

Dh'innis a' bhuidheann anns an litir a chuir iad gu pàrantan gun robh iad airson 's gun cumadh pàrantan orra a' toirt taic don chloinn, agus don cheannard, 's gun gluaiseadh an sgoil air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile