Coinneamh mu phlana Bhaile a' Mhanaich

  • 5 An t-Samhain 2013
Beinn nam Fadhla Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh tòiseachadh air a' phlana aig coinneamh ann an 2011.

Gheibh muinntir Bhaile a' Mhanaich cothrom Diardaoin agus Dihaoine am beachd a thoirt seachad air plana coimhearsnachd dhan bhaile.

Chaidh tòiseachadh air a' phlana nuair a chaidh na ciad choinneamhan a chumail ann an 2011 agus tha e a-niste faisg air a bhith deiseil.

"'S e aon choinneamh a th' ann, thairis air dà là," thuirt Oifigear Leasachaidh Bheinn nam Fadhla, Niall Caimbeul.

"'S e an adhbhar a tha sinn ga dhèanamh mar sin, 's e gum faigh a' mhòr-chuid chun na coinneimh.

Beachdan

"Feasgar Diardaoin aig 7:30f an toiseach, tha cothrom aig daoine sa choimhearnsachd tighinn chun na coinneimh sin, agus an ath-là, aig 12:00f, dh'fhaodadh iad tighinn can nam biodh iad saor aig àm dinnearach.

"Tha sinn dìreach airson 's gum faigh daoine cothrom tighinn airson còmhradh agus airson na beachdan aca fhaighinn.

"Bha coinneamh ann dà bhliadhna air ais, agus chaidh tòrr bheachdan a thogail mun àite fhèin agus dè bha a dhìth agus dè na rudan a bha daoine a' smaoineachadh a bu chòir a bhith ann.

"Bhon a sin, tha sinne air sgrùdadh a dhèanamh.

"Fhuair sinn taic-airgid bhon bhuidhinn Foundation Scotland airson plana a chur ri chèile, dìreach seòrsa deilbh, dè an suidheachadh a bh' ann am Baile a' Mhanaich aig an àm seo.

"Co mheud taigh a th' ann? Co mheud buidheann ghnìomhachais a th' ann? co mheud duine a tha a' fuireach anns an àite? Co mheud chloinne is rudan mar sin.

"Tha sinne air am fiosrachadh a tha seo a chruinneachadh a-niste, ach tha sinn airson 's gum faigh muinntir Bhaile a' Mhanaich cothrom eile coimhead air mus cuir sinn crìoch buileach air, airson 's gum faigh iad air am beachdan a chur ann a-rithist.

"Dìreach airson 's gu bheil sinn cinnteach gu bheil sinn a' faighinn nam beachdan ceart, agus gur e na pròiseactan a tha iadsan ag iarraidh a tha a' dol dhan phlana," thuirt e.

Às a' choinneimh sin, thig co-dhùnadh air na nìthear ann am Baile a' Mhanaich.

"Tha fear a' tighinn chun nan coinneamhan a tha a' dol a thoirt dhuinn cuideachadh ann an dòigh ar n-inntinn a dhèanamh suas dè an dòigh as fheàrr a dhol air adhart," thuirt Mgr Caimbeul.

"'S esan James Hilder, agus tha esan eòlach air a bhith ag obair am measg choimhearsnachdan, agus ag obair air na planaichean a tha seo.

"Niste, tha e a rèir dè tha muinntir Bhaile a' Mhanaich fhèin ag iarraidh.

"Ma tha iad airson dìreach fhàgail mar a tha e, tha sin ceart gu leòr.

"Ach ma tha iad a' smaointinn gu bheil barrachd teansa aca diofar a dhèanamh air an àite fhèin, can nam biodh buidheann coimhearsnachd ann, 's dòcha gum biodh sin na chuideachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fhèin den bheachd gum bitheadh seo feumail dhuinne, air sàilleabh gun toireadh e dhuinn cuideachadh nuair a tha sinn a' cur a-steach airson taic-airgid 's rudan mar sin.

"Ma tha an aithisg a tha seo air a dhèanamh againn mar thà, tha sin ag innse dha na buidhnean a tha a' toirt seachad taice, dè seòrsa coimhearsnachd a th' ann, agus dè feum a th' aca air taic," thuirt e.

Bidh coinneamh ann oidhche Ardaoin aig 7:30f ann an Talla Bhaile a' Mhanaich agus a-rithist aig meadhan là Dihaoine gus am bi cothrom aig daoine sùil a thoirt air na planaichean.