Duais do Chrann Coimhearsnachd

  • 4 An t-Samhain 2013
An crann gaoithe ann am Baile an Truiseil Image copyright Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption Chuirear an crann-gaoithe an-àirde san t-Sultain.

Fhuair Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas duais shònraichte agus aithne oifigeil dhan iomairt airson crann-gaoithe a stèidheachadh ann am Baile an Truiseil.

Chaidh an duais 'son na pròiseict coimhearsnachd as fheàrr a thoirt seachad aig cuirm mhòr 'Energy North' ann an Inbhir nis.

Bha cothrom aig buidhnean bho na h-Eileanan an Iar gu Obar Dheathain agus Sealtainn gu Earra-Ghàidheal feuchainn air a son.

Teachd a-steach

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Cathraiche an Urrais, Tormod MacThòmais, gu bheil iad den bheachd gur e an dòigh a chuir iad a' phròiseict air adhart agus na tha iad an dùil a dhèanamh leis an airgead a thèid a chosnadh às, an t-adhbhar gun do bhuannaich iad an duais.

"Tha sinn a faicinn gu bheil daoine eile a' saoilsinn gu leòr den rud a tha sinn an dèidh a bhith a' dèanamh.

"Bho fhuair sinne sealbh air an oighreachd sa chiad àite bha seo nar n-inntinn, gum feumadh pròiseict a bhith ann, agus 's e pròiseict chumhachd ath-nuadhachail a bhiodh ann, airson dèanamh cinnteach gum faigheadh sinn airgead a-steach airson ruith na h-oighreachd sa chiad àite," thuirt Mgr MacThòmais.

Chosg e £2.4m a' chiad chrann a chur an-àirde leis an airgead a' tighinn bho Bhanca a' Cho-op, an Crannchur Nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba agus an t-Urras fhèin.

Chan eil ach beagan sheachdainnean bho chaidh an crann an-àirde, agus cha do thòisich na sgiathan a' cur charan fhathast.

Tha dòchas ann gun tòisich sin ann am beagan làithean.

Cùmhnant

Chaidh cùmhnant aontachadh leis a' bhuidhinn "Cumhachd a' Cho-op" airson dealan a' reic ris a' mhargaidh, agus fon sin gheibh an t-Urras teachd a-steach mìosail.

Tha an t-Urras an dòchas tuarastail an luchd-obrach aca a phàigheadh bhon airgead a thèid a choisnadh bhon chrann.

Tha seachdnar ag obair dhan bhuidhinn an-dràsta, triùir pàirt-ùine agus an còrr làn-ùine.

An-dràsta tha a' chuid as motha de na tuarastail aca ga pàigheadh le airgead poblach.

Ged is e dìreach aona chrann a chaidh an-àirde aig an ìre seo, tha cead aig an Urras dhà eile a thogail ann am Baile an Truiseil.

Ach bidh crainn a bharrachd ann an sin a' crothachadh air an airgead a tha ri fhaotainn agus comas dealan fhaighinn dhan Ghriod Nàiseanta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile