Tuilleadh fiosrachaidh mun Chille Bhig

  • 1 An t-Samhain 2013
Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig Image copyright Handout
Image caption 'S ann air fearann ri taobh na colaiste a thèid am baile ùr a thogail.

Cluinnidh muinntir Shlèite barrachd mu phlana gus baile ùr a thogail san sgìre aig coinneimh phoblaich.

'S e Urras Chloinn Dòmhnaill agus Sabhal Mòr Ostaig a th' air cùl nam planaichean airson faisg air ceud dachaigh is diofar ghoireasan a thogail sa Chille Bhig, ri taobh na colaiste.

Bidh coinneamh phoblach mu dheidhinn aig an t-Sabhal feasgar Dihaoine.

"A' chiad choinneimh againn, 's ann airson oileanaich agus luchd-obrach na colaiste a bhios i, feasgar," thuirt Ceannard Oighreachdan is Seirbheisean an t-Sabhail, Dòmhnall Angaidh MacIllInnein.

"Agus tha sin nas mionaidiche, air dè bhios dìreach a' dol againn thar nam mìosan ri thighinn.

"Agus gus dèanamh cinnteach gu bheil dìreach cho beag dragh 's is urrainn a' dol air daoine fhad 's a tha iad a' frithealadh chlasaichean 's rudan àbhaisteach na colaiste.

"Agus an uair sin, air an oidhche, eadar 5:00f 's 7:00f, tha sinn a' toirt cuireadh don choimhearsnachd air fad tighinn an làthair, agus bidh sinn a-mach a-rithist air an aon sheòrsa rud.

"Tha sinn gu math mothachail gu bheil a' choimhearsnachd air fad a' dèanamh feum den cholaiste tron bhliadhna.

"Agus ag innse do dhaoine cuideachd a thaobh 's dòcha chothroman obrach fhad 's a bhios an obair togail a' dol air adhart, agus na planaichean a th' againn cho luath 's a tha a' chiad togalach an seo suas airson gluasad air adhart gu diofar ìrean eile den phròiseact.

"Chan eil an seo ach a' chiad ìre den obair togail a rèir na lèirsinn air fad airson leasachadh na Cille Bige," thuirt e.

Bidh a' choinneamh dhan choimhearsnachd ann an Seòmar Cruinneachaidh Àrainn Ostaig eadar 5:00f agus 7:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile