Nighean a bhàsaich air an A9 ga h-ainmeachadh

  • 1 An t-Samhain 2013
Làrach na tubaiste Image copyright BNN media Group
Image caption Bhàsaich Holly ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha luaidh ga dhèanamh air nighean-sgoile a bhàsaich às dèidh do chàr bualadh innte air an A9 air taobh sear rois feasgar Diciadain.

Bhuineadh Hollie NicAaoidh, a bha 15, do Chaoldaraigh, far an do thachair an tubaist, agus bhiodh i a dol gu Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.

Thuirt ceannard eadar-amail na sgoile, Alison Drew, gur e ceòladair tàlantach a bh' ann an Holly, agus gun robh i na pàirt cudromach de bhuidhinn dràma òigridh Inbhir Ghòrdain.

Thuirt i cuideachd gun robh luchd-obrach na sgoile gu math measail oirre 's gum biodh iad ga h-ionndrainn gu mòr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile