Moladh son mòr-ionad Gàidhealach

  • 31 An Dàmhair 2013
Carbad-smàlaidh
Tha ochd seòmraichean-stiùiridh smàlaidh ann an Alba an-dràsta ach tha an t-seirbheis son a lùghdachadh gu trì

Mhol Comhairle na Gàidhealtachd gun deadh mòr-ionad a stèidheachadh ann an Inbhir Nis far am biodh iad fhèin, Seirbheis-smàlaidh na h-Alba, NHS na Gàidhealtachd agus Poilis na h-Alba uile stèidhichte, a thuilleadh air buidhnean eile, 's dòcha, leithid Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba agus Uisge na h-Alba.

Mhiannaicheadh a' chomhairle gum biodh iad uile san aon thogalach, ach gum biodh seòmar-stiùiridh aig na diofar bhuidhnean dhaibh p'fhèin.

Thuirt a' chomhairle gun toireadh seo cothrom dha Seirbheis-smàlaidh na h-Alba an treas seòmar stiùiridh aca a stèidheachadh ann an Inbhir Nis.

Tha an t-seirbheis-smàlaidh an-drasta a' sireadh bheachd air na planaichean aca an àireamh de sheòmraichean stiùireadh a ghearradh bho ochd gu trì.

Tha seo an dèidh do dh'aon ùghdarras-smàlaidh a bhith air chuir air dòigh ann an Alba, a gabhail àite na h-ochd bùird a bh'ann.

Am measg nan seòmraichean-stiùiridh a dh'fhaodadh dùnadh, tha am fear ann an Inbhir Nis a tha a' dèilligeadh ri sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean air fad.

Litir

Tha Ceannard na Comhairle, Drew Hendry air na planaichean son mòr-ionad chuir gu Cathraiche Bòrd-smàlaidh na h-Alba, Pat Watters, agus choinnich e ris bho choinn ghoirid son bruidhinn mun chùis.

Ann an litir, a sgrìobh e as leth Comhairle na Gàidhealtachd agus na comhairlean eileanach gu Mgr Watters, thuirt Mgr Hendry gu robh iad a' gabhail ris gu feumadh an t-seirbheis-smàlaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na dòighean-obrach aca, aig àm nuair a tha airgead teann.

"Leis sin, tha sinn air moladh a chuir air adhart son seòmar-stiùiridh ioma-bhuidhne ann an Inbhir Nis.

"Cuiridh seo ris an t-siostam a tha stèidhichte mur tha eadar Comhairle na Gaidhealtachd, Poilis na h-Alba agus NHS na Gàidhealtachd son dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginn," thuirt Mgr Hendry sa litir.