Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Adhartas Rathad Bhreacais

31 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Bhreacais san Eilean Sgitheanach air fàilte a chur air gealltanas bho Chòmhdhail Alba gun tèid an rathad mòr tron bhaile aca a dhèanamh nas sàbhailte dhaibh.

Thòisich na daoine a' gearan bho chion fhada nach robh an A87 tron bhaile a rèir nan riaghailtean airson prìomh rathaid.

Ach ged a tha ag ràdh gur e adhartas a tha seo, tha iad a' gealltainn gun lean an t-strì gus am faigh iad cabhsair ceart.