BID an Loch Abar?

  • 30 An Dàmhair 2013
Meadhan a' Ghearasdain
Tha beachd ann gun cuireadh BID spionnadh sa Ghearasdan agus an sgìre mun cuairt.

Beachdachaidh gnìomhachasan ann an Loch Abar a bheil iad 'son sgìre BID a stèidheachadh san sgìre.

'S e com-pàirteachas eadar an roinn phoblach is an roinn phrìbheadach a th' ann am BID (Business Improvement District), a bhios ag amas air piseach a thoirt air sgìrean agus mar sin spionnadh a chur anns na gnìomhachasan a tha stèidhichte annta.

Tha BID air a bhith a' dol ann an Inbhir Nis 'son grunn bhliadhnaichean is tachartasan aca 'son daoine a thàladh gu meadhan a' bhaile.

Tha e coltach gu bheil diofar bheachdan ann mu dè cho feumach 's a tha Loch Abar air sgeama mar seo.

"Seo a' phrìomh sgìre ann am Breatainn 'son spòrs a-muigh", thuirt Frazer Coupland, a tha na chathraiche air buidheann-stiùiridh BID Loch Abair.

"Adhartach"

"Tha sinn air thoiseach air àiteachan eile a thaobh daoine a thàladh chun na sgìre againn agus seo cothrom air leth eile 'son sealltainn do dhaoine cho adhartach sa tha sinn", thuirt e.

Chan eil a h-uile duine cho cinnteach.

Tha cuid den bheachd gu bheil an sgìre BID a tha san amharc an Loch Abar fada ro mhòr, is sgìrean BID mar as trice stèidhichte ann am meadhan-bhailtean.

Tha dragh air cuid de ghnìomhachasan cuideachd a thaobh na bhiodh aca ri cur ris an sgeama.

Bidh sia seachdainean aig gnìomhachasan an Loch Abar 'son bhòtadh a bheil iad ag iarraidh sgìre BID a chur air dòigh.

Ma ghabhas iad ris a' phlana, bidh aig a h-uile gnìomhachas ri cìs a bharrachd a phàigheadh airson na pròiseictean leasachaidh a mhaoineachadh