£3m dhan Chòigich is Asaint

  • 30 An Dàmhair 2013
Am Broch aig Clach Toll
Thèid am broch aig Clach Toll a dhìon mar phàirt den phròiseict.

Chaidh £3m a thoirt seachad do phròiseict a tha ag amas air àrainneachd na Còigich agus Asainte a dhìon.

Tha an t-airgead a' tighinn bho Mhaoin a' Chrannchair.

'S e a' bhuidheann Coigach-Assynt Living Landscape (CALL) a tha os cionn na h-obrach.

Tha iad an dùil an t-airgead a chosg air coilltean a tha dùtchasach dhan àite ath-bheòthachadh, air monaidhean agus boglaichean a chur air ais mar a bha iad bho thùs agus air staranan a leasachadh.

Cuiridh a' bhuidheann rompa cuideachd ceangal làidir a dhèanamh le sgoiltean na sgìre gus an òigridh a bhrosnachadh ann an obraichean a bhios gan cumail annns an àite.

Coimhearsnachd

Tha CALL airson 's gun gabh a' choimhearsnachd pàirt nas motha ann an dualchas na sgìre agus thèid àiteachan mar a' bhroch aig Clach Toll a dhìon.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad den bheachd gun cuir an obair seo gu mòr ri eacomonaidh an àite.

"Bidh cothrom againn an seo buannachdan eaconomach, sòisealta is culturail a thoirt dhan sgìre", thuirt Sìm Milne bho Urras Fiadh-Bheatha na h-Alba, a tha nam pàirt de ChALL.

Le Mhaoin a' Chrannchair a-nise air an airgead a ghealltainn, feumaidh CALL plana mionaideach a chur ri chèile 'son sealltainn mar a thèid a chosg.