Bòrd na Gàidhlig a' sireadh ceathrar bhall

  • 29 An Dàmhair 2013
Suaicheantas Bhòrd na Gàidhlig Image copyright Bòrd na Gàidhlig
Image caption Feumar a bhith comasach air a' Ghàidhlig a leughadh.

Tha ceathrar bhall ùra gan sireadh airson Bòrd na Gàidhlig agus cha leigear a leas a bhith làn-fhileanta sa chànan airson am faighinn.

Tha am Bòrd a' lorg dhaoine aig a bheil sgilean aig ìre ro-innleachdail, a thuilleadh air tuigse agus eòlas air ionmhas is rannsachadh. Tha tuarastal còrr is £6,000 sa bhliadhna an cois na h-obrach, sin airson obair trì là gach mìos.

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Iain Caimbeul, gum feumadh tomhais mhath de Ghàidhlig a bhith aca, ach nach leigeadh iad a leas a bhith làn-fhileanta.

"Tha am Bòrd airson dèanamh cinnteach gu bheil an doras fosgailte dhan a h-uile duine.

"Tha beagan adhartais air tighinn sna bliadhnaichean a chaidh seachad, gu h-àraidh le foghlam agus le daoine ag ionnsachadh na Gàidhlig, ach tha tòrr mòr ri dhèanamh fhathast, 's tha dleastanas air buill a' Bhùird airson dèanamh cinnteach gu bheil prìomhachasan a' Phlana Nàiseanta air an coileanadh," thuirt Mgr Caimbeul.

Do dhaoine aig a bheil ùidh san obair, gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Appointed for Scotland no faodar post-d a chur gu Iain Caimbeul aig iain.caimbeul@gaidhlig.org.uk.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile