Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

HS2

Dh'fhoillsich an Riaghaltas ann an Westminster tuilleadh fianais dhan argamaid eaconamach airson loidhne-rèile luath HS2 eadar Lunnainn agus ceann a tuath Shasainn. Bhiodh a' chiad earrainn den loidhne, a chosgadh còrr is £40m uile gu lèir, a' fosgladh eadar Lunnainn agus Birmingham ann an 2026. Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh a leudachadh gu ruige meadhan na h-Alba. Tha luchd-iomairt a' gearain ge-tà, gum biodh an sgeama ro chosgail, agus dona dhan àrainneachd.

Ceannarc

Thèid ceathrar fhireannach agus aon bhoireannach mu choinneimh na cùirte ann an Glaschu an-diugh fo chasaidean ceannairc agus cuilbheart gu murt a dhèanamh. Chaidh an cur an grèim ann an diofar àiteachan ann an Alba Diciadain seo chaidh.

Prìsean Cumhachd

Thèid na sia companaidhean cumhachd mòra a cheasnachadh ann an Westminster an-diugh, agus Comataidh a' Chumhachd ag iarraidh freagairt air carson a tha prìs a' ghas is dealain a' sìor-èirigh. Tha a' chomataidh cuideachd a' faighneachd carson nach eil riaghladair a' ghnìomhachais, Ofgem, a' cur smachd orra.

Margaidh an Taigheadais

Bha margaidh an taigheadais an Alba nas trainge sna trì mìosan gu deireadh an t-Sultain, le àrdachadh 22% anns an àireamh de ghluasadan, an coimeas ri trì mìosan an Earraich, agus an-uiridh. Tha na figearan bho Chlàran na h-Alba a' sealltainn àrdachaidh 1.5% air an-uiridh, agus 6% air na trì mìosan eadar an Giblean agus an t-Ògmhios am bliadhna.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Chan eil stiùireadh poileataigeach math gu leòr air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a rèir aithisg bho Choimisean nan Cunntasan. Thuirt a' bhuidheann sin gu bheil cunnart ann gum fulaing seirbheisean mur a dèan ceannardan na Comhairle nas fheàrr na bha iad. Chaidh an aithisg ullachadh mus deach buidheann-riaghlaidh ùr a stèidheachadh bho chionn ghoirid, an dèidh mhìosan de dh'argamaid agus eas-aonta eadar na diofar bhuidhnean poileataigeach air a' Chomhairle.

Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh ceathrar bhall ùra. Tha am Bòrd ag iarraidh daoine aig a bheil eòlas air rudan mar sgrùdadh ionmhais, siostaman cunntais, foghlam Gàidhlig agus leasachadh cànain. 'S e deireadh na seachdain seo an ceann-ùine airson àite iarraidh air a' Bhòrd.