Slaic air Comhairle Earra-Ghàidheal

  • 29 An Dàmhair 2013
Suaicheantas Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid
Tha Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gu bheil cliù Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air fulang.

Thug Coimisean nan Cunntasan slaic air an troimhe-chèile a tha air a bhith a' cuairteachadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sna mìosan a chaidh.

Bha a' bhuidheann a' freagairt aithisg eile bho Bhuidheann-Sgùdaidh na h-Alba a thog ceistean mu riaghladh na Comhairle.

Thuirt an coimisean nach robh structuran riaghlaidh na Comhairle math gu leòr, 's gur ann cugallach a bha an stiùireadh poileataigeach.

Tha sin a' fàgail, thuirt iad, gu bheil cunnart ann gum fulaing seirbheisean aig ìre ionadail.

Chaidh an aithisg aig Coimisean nan Cunntasan a dheasachadh mus deach buidheann-riaghlaidh ùr a chur os cionn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid bho chionn mìos.

Co-bhanntachd

'S i buidheann de chomhairlichean neo-eisimeileach ann an co-bhanntachd còmhla ris na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich a tha a' riaghladh a-niste, le Dick Walsh mar cheannard.

Thàinig sin às dèidh mìosan de mhì-chinnt aig a' Chomhairle.

Bha an SNP a' riaghladh an toiseach còmhla ris a' bhuidhinn Argyll First is Ruairidh MacCuthais na cheannard, ach dh'fhàg dithis bhon SNP is an uair sin Argyll First fheìn, is Mgr MacCuthais air dreuchd a' cheannaird fhàgail.

Dh'fheuch an SNP ri buidheann-riaghlaidh ùr a stèidheachadh còmhla ris na Tòraidhean is na Lib-Deamaich, ach chuir an SNP aig ìre nàiseanta stad air na planaichean sin is dh'fhàg Seumas Robb a dhreuchd mar cheannard na Comhairle.

Thill Ruairidh MacCuthais an uair sin na cheannard ach dh'fhailich air an SNP buidheann-riaghlaidh ùr a stèidheachadh, is ghabh a' bhuidheann-riaghlaidh ùr an stiùir san t-Sultain.

Tha Mgr MacCuthais a-nise a' cur taic ris a' bhuidhinn-riaghlaidh ùr is e air an SNP fhàgail.

Cron

A rèir Coimisein nan Cunntasan, tha am buaireadh air cron a dhèanamh air cliù Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

"S ann a tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid aig crois-rathaid," thuirt cathraiche Coimisein nan Cunntasan, Iain Baillie.

"Bha mì-chinnt is dith stiùiridh a' dol air adhart fad ùine.

"Tha coltas ann a-nise gun deach leasanan ionnsachadh agus gu bheil structuran ùra gan stèidheachadh, is trèanadh is taic a bharrachd do chomhairlichean.

"Tha sin misneachail, ach tha sinn ag iarraidh air buill agus air an sgioba-stiùiridh a bhith ag obair còmhla gus stiùireadh poileataigeach nas fheàrr a thoirt seachad.

Measadh

"Dh'iarr sinn gun tèid aithisg eile a dheasachadh an ceann sia mìosan 'son measadh a dhèanamh air an adhartas a tha a' Chomhairle a' dèanamh," thuirt e.

Thuirt ceannard na Comhairle, Dick Walsh, gu bheil gnothaichean a' tighinn air adhart.

"Tha sinn mothachail air an aithisg seo bho Choimisean nan Cunntasan agus an aithisg roimhe bho Bhuidheann-Sgrùdaidh na h-Alba.

"Tha fios againne dè dh'fheumas sinn dèanamh, is faodaidh muinntir na sgìre a bhith cinnteach gu bheil sinn ag obair gu dìcheallach.

"Rinn sinn adhartas mar-thà anns na beagan sheachdainnean bho ghabh mi stiùir aig a' Chomhairle agus tha sgioba làidir, sheasmhach againn a-niste," thuirt e.