"Tuilleadh faochaidh a dhìth"

  • 28 An Dàmhair 2013

Tha còir barrachd na còig sgillinn a thoirt far prìs liotair connaidh ann an tè dhe na sgìrean as iomallaiche ann am Breatainn - a rèir muinntir an àite.

Dh'innis Riaghaltas Westminster gum bi dà bhaile beag ann an Cataibh - Diùranais is Loch an Inbhir - a-nis air an liosta de dh'àiteachan airson leudachadh air sgèama faochaidh a' chonnaidh.

Chaidh innse mu thràth gun dh'iarr Riaghaltas Westminster cead bhon Choimisean Eòrpach gus sgeama faochaidh a chur an sàs ann an Ath Tharacaill, Achadh na Sìne, an Apainn, Drochaid Charra, Dail Chuinnidh, Geàrrloch agus Srath Pheofhair, a thuilleadh air cuid a sgìrean ann an Sasainn.

Tha Seonaidh Moireasdan a tha a' fuireach ann an Diùranais den bheachd gur e cùis nàire a bh' ann nach robh iad air an liosta sa chiad dol a-mach.

Cuideachd, a' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt e gum bu chòir barrachd na còig sgillinn a thoirt far gach liotair.

Bha e ag ràdh gum biodh fichead sgillinn de lasachadh na b' fheàrr ri linn 's gu bheil connadh fichead sgillinn nas saoire an ceann a deas na h-Alba.