Bàs an Loch Abar

  • 28 An Dàmhair 2013

Dh'ainmich na Poilis duine a bhàsaich às dèidh dhen chàr aige a dhol far an rathaid faisg air Drochaid an Aonachain Didòmhnaich.

B'e Peadar Caimbeul, 36, à Bainbhidh.

Chaidh na poilis a ghairm chun na tubaist air an A82 mu mhìle deas air Drochaid an Aonachain, agus lorg iad an dràibhear anns a' chàr.

Bha e air a dhol sìos bruach agus bha an càr am measg chraobhan.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic carbad airgid a' dol far an rathaid eadar 17:30 agus 20:00 brath a chur thuca.

Bha an rathad dùinte airson seachd uairean a thìde.