Iain MacNeacail

  • 25 An Dàmhair 2013
Iain MacNeacail
Rinn Iain MacNeacail an t-uamhas às leth na coimhearsnachd.

Tha luaidh ga dhèanamh air Iain MacNeacail - neo John the Caley mar a b'fheàrr a dh' aithnichear e - a chaochail ann am Port Rìgh aig aois 90.

Rugadh 's thogadh Iain MacNeacail ann an ceann a tuath Ratharsair ann an 1923.

Chaidh e a dh'obair ann an Ceann Loch Lìobhainn mus deach e dhan arm. Bha e na ghunnaire sa Chabhlach Rìoghail air na bàtaichean convoy tro àm an Dàrna Cogaidh.

Às dèidh dha Iain a dhachaidh a dhèanamh ann am Port Rìgh ann an 1954, bha e gu mòr an sàs sa Bhritish Legion, a' dèanamh cinnteach gum biodh cuimhne air ìobairt nam feachdan armaichte agus an obair a rinn criubhaichan nam bàtaichean convoy.

"Bu chòir cuimhneachadh a chur air seo fhad 's a bhios duine bèo", thuirt Iain roimhe.

"Mura b'e an obair a rinn na balaich a bha seo, a bhith a' toirt suas am beatha, tha mi a' creidsinn nach robh an cogadh air crìoch a chur air cho cliobhar sa chaidh crìoch a chur air", thuirt e.

Far-ainm

Fhuair Iain obair ann am Port Rìgh na fhear-glèidhidh aig sgoil a' bhaile ach 's ann mar John the Caley - am far-ainm a fhuair e nuair a bha e ag obair ann an taigh-seinnse a' Chaledonian - a b' fheàrr a dh' aithnichear e.

Rinn e cuideachd mòran às leth iomain a chur air adhart san eilean.

"S iomadh rud a rinn e, 's iomadh rud a bha e a' dèanamh", thuirt Donnie Màrtainn bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich.

"Bhiodh e an còmhnaidh ann, bha e aig a h-uile geama is bhiodh e a' siubhail às gach àite a choimhead air an iomain.

"Bha e an còmhnaidh ann is ma bha càil a dhìth ort, dhèanadh Iain a dhìcheall sin fhaighinn dhut", thuirt e.

'S ann cuideachd airson na rinn e dhan choimhearsnachd a bhios daoine a' cuimhneachadh air John the Caley.

Obair sa choimhearsnachd

Bha e air Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh on stèidheachadh i agus còrr agus 30 bliadhna na bhall dhi gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 20008.

"Chan e fear a bh' ann a bhiodh dìreach a' bruidhinn mu dheidhinn rudeigin a dhèanamh - dhèanadh e cinnteach gun rachadh a chur an gnìomh", thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Drew Millar.

"Nuair a chaidh mi nam chomhairliche cha robh e leisg tighinn thugam son innse dhomh dè bha dhìth.

"Bha meas mòr agam air oir rinn e na h-uimhir 'son na daoine.

"Às dèidh a theaghlaich, 's e a' choimhearsnachd aige an rud as cudromaich a bh'ann dha. Bidh ionndrainn mhòr air", thuirt e.

Urram

'S ann às dèidh dha a' Chomhairle Choimhearsnachd fhàgail a chuala Iain gum faigheadh e saorsa an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair, a' comharrachadh a chuid saothrach, is chaidh an t-urram a bhuileachadh air aig cuirm shònraichte aig toiseach 2009.

"Cha do smaoinich mise aon uair a-riamh gum faighinn rud den t-seòrsa seo", thuirt Iain aig an àm.

"Cha robh mi ach a' dèanamh rud a chaidh a theagaisg dhomh nuair a bha mi glè òg", thuirt e.

Tha Iain a' fàgail a' bhean, Mavis, an triùir nighean agus oghaichean.