Naidheachdan 11:00m

Cuideachadh
Inbhir Ghràinnse

Tha na h-aonaidhean ciùird a' coinneachadh ri manaidsearan aig ionad giollachd ola Inbhir Ghràinnse, airson chòmhraidhean èiginneach às dèidh mar a dhùin Ineos an goireas peatro-cheimigeach aca aig an làraich an-dè. Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil an t-aonadh Unite deiseil airson gabhail ri mòran de na h-atharrachaidhean agus gearraidhean a bha Ineos ag iarraidh, agus iad a' feuchainn ri 800 obraichean a shàbhaladh. Dh'innis fear de stiùirichean na companaidh dhan BhBC gun èist iad ris na th' aig Unite ri ràdh, agus gun cuir iad tairgse an aonaidh mu choinneimh luchd-earrainne Ineos. Coinnichidh Ministear Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, agus Rùnaire na h-Alba, Alasdair Mac Ille Mhìcheil, ri riochdairean bho Unite agus Ineos, feasgar.

Cosnaidhean Ùra

Thèid co-dhiù 600 obraichean a chruthachadh le companaidh Albannaich ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. Bidh Ascensos a' ruith ionad conaltraidh ann an Tobar na Màthar, stèidhichte anns an t-seann togallach aig buidheann bancaidh Lloyds anns a' bhaile. Tha Ascensos ag ràdh gu bheil iad airson cothroman-obrach maireannach a thabhainn do dhaoine a chaill an dreuchdan thairis air a' bheagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Cìsean Cumhachd

A rèir an Leas-Phrìomhaire, dh'fhaodadh gun deadh aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri lùghdachadh a dhèanamh air na tha e a' cosg do dhaoine an dachannan a theasachadh le bhith a' cur às do chuid de na cìsean uaine a tha gan cur air cunntasan connaidh. Bha Nick Clegg a' bruidhinn às dèidh do Dhàibhidh Camshron innse an-dè, gun robh e airson faighinn cuidhteas nan cìsean àrainneachd. Ach thuirt Mgr Clegg, ma thachras sin, gum feum na sgeamaichean a tha an-dràsta gam maoineachadh le airgead bho na cìsean uaine ionmhas fhaighinn bho chìsean coitcheann.

A' Ghearmailt

Chaidh an Tosgaire Aimeireaganach anns a' Ghearmailt a ghairm gu coinneimh le Ministear Cèin na dùthcha ann am Berlin, a fhreagairt chasaidean gun robh buidheann tèarainnteachd nan Stàitean Aonaichte a' farchluais air a' fòn aig Ceannard na Gearmailt, Angela Merkel. Tha a' Bh.Mh. Merkel mar thà air na casaidean a thogail le Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Barak Obama.

Comhairle na Gàidhealtachd

Nì Comhairle na Gàidhealtachd deasbad an-diugh air planaichean airson airgead a chùmhnadh le bhith ag atharrachadh na dòigh anns a bheil roinnean an ùghdarrais gan ruith. Thathar a' cumail a-mach gun sàbhail iad £350,000 sa bhliadhna ma thèid gabhail ris na planaichean. Fo na molaidhean, thèid seachd roinnean a ghearradh gu còig. Ma thèid gabhail ris na h-atharrachaidhean tha àrd-oifigearan ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach fheum iad luchd-obrach sam bith a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Mèirle

Tha na Poilis a' rannsachadh a bheil ceangal sam bith eadar mar a chaidh inneal-airgid a ghoid bho oifis puist ann an sgìre Mhoireibh, 's tachartasan den aon sheòrsa ann an Roinn a' Mhonaidh. Ghoid mèirlich an ATM o oifis a' phuist ann an Dubhais ann an uairean beaga na maidne an-dè. An t-seachdain seo chaidh, dh'fhoillsich oifigearan dealbhan CCTV de charbad Audi a thathar a' smaoineachadh a chleachd mèirlich ann an Inbhir Ùraidh, Old Meldrum, Dèir agus Bieldside.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.