Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna

Nis Thèid an t-airgead a chosg air fàs a thoirt air na gnìomhachasan.

Chaidh duais Ghnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna aig Comunn na Gàidhlig a roinn eadar buidhnean ann an Leòdhas agus Dùthaich MhicAoidh.

Gheibh an dà chuid Comunn Eachdraidh Nis agus an gnìomhachas cànain 'Facal', a tha stèidhichte ann an Srath Nabhair, an duais airgid eatorra.

"Na slatan-tomhais a tha sinn a' coimhead ris nuair a thig tagraidhean thugainn airson na farpais a tha seo, 's e gum bi na companaidhean a' cleachdadh na Gàidhlig ann a bhith a' dèiligeadh ri luchd-frithealaidh, gum bi iad a' cleachdadh na Gàidhlig am measg an luchd-obrach, gum bi follaiseachd a thaobh soidhnichean agus eile sa Ghàidhlig, agus cuideachd gum bi iad a' cleachdadh na Gàidhlig tro ìomhaigh 's margaidheachd 's raointean-reic na buidhne," thuirt Calum Iain MacLeòid, bho Chomunn na Gàidhlig.

"Bha am panal a' faireachdainn gun robh an dà bhuidhinn a bha seo, no an dà chompanaidh a bha seo, a' coileanadh nan amasan a bha sin.

Coimhearsnachd Gàidhlig

"'S e siud an rud as lugha a tha sinn a' coimhead ris anns na tagraidhean.

"Tha sinn an dùil, agus a' sùileachadh gun tèid an duais airgid a chosg airson fàs a thoirt air na gnìomhachasan, agus bidh sinn a' bruidhinn riutha mu dheidhinn sin.

"Ach aig a' cheann thall tha sinn ga fhàgail aca fhèin air dè nì iad leis an airgead a tha seo," thuirt e.

Bha Comunn na Gàidhlig roimhe a' toirt seachad duais Choimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna, ach chan eil an duais sin ga toirt seachad am bliadhna.

"Feumaidh sinn tuigs' nach eil againn ach na h-uidhir de choimhearsnachdan Gàidhlig.

"Bha an fharpais sin a' ruith airson trì bliadhna, agus dh'fheumainn a ràdh gun robh a' mhòr-chuid de na coimhearsnachdan Gàidhlig an dèidh cur a-steach airson na farpais.

Start Quote

Tha an dà sgìre gu math eadar-dhealaichte”

End Quote Calum Iain MacLeòid Comunn na Gàidhlig

"Cuid a bh' air soirbheachadh nach cuireadh a-steach air a son a-rithist, cuid eile nach robh air soirbheachadh agus 's dòcha cuideachd nach robh a' faireachdainn gun cuireadh iad a-steach air a son a-rithist.

"Anns a' bhliadhna mu dheireadh a-rèiste, bha sinn dìreach a' faireachdainn gun robh i an dèidh ruith a cùrsa.

"'S dòcha an ceann bliadhna no dhà, gun coimhead sinn ri a h-ath-bheothachadh," thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid gun robh e na cùis mhisneachd gun deach pàirt den duais gu gnìomhachas Gàidhlig ann an Dùthaich MhicAoidh.

"Tha e mìorbhailleach a bhith a' coimhead far an deach an dà dhuais," thuirt e.

"Tha an dà sgìre gu math eadar-dhealaichte. Comunn Eachdraidh Nis ann an sgìre far a bheil a' Ghàidhlig fhathast an ìre mhath làidir, agus an uair sin Facal, stèidhichte ann an Dùthaich MhicAoidh, far nach eil a' Ghàidhlig buileach cho làidir.

"'S tha e mìorbhailleach gu bheil Facal, a chaidh a chruthachadh bho chionn trì bliadhna air ais, gu bheil e a' dèanamh sheirbheisean cànain ann an Dùthaich MhicAoidh, a' cumail dà obair làn-ùine ann an sin.

"Agus bha e uabhasach taitneach a bhith ag èisteachd ri Alasdair, bho Facal, dìreach ag innse mu mar a tha a' dol dhaibh," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.