Crathadh ga mholadh air Comhairle na Gàidhealtachd

  • 24 An Dàmhair 2013
Comhairle na Gàidhealtachd
Tha Mgr Barron ag ràdh gun cùmhnadh an t-atharrachadh £350,000 sa bhliadhna.

Tha Àrd oifigear ùr Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh crathadh a thoirt air structur nan seirbheisean.

Cha bhiodh ach còig roinnean de sheirbheisean ann seach seachd mar a th' ann an-dràsta.

Tha Steve Barron ag ràdh gum biodh seirbheisean na Comhairler nas èifeachdaiche agus nas fheàrr ri linn nam molaidhean san aithisg aige.

A-mach às an t-seachd seirbheisean a th' ann an-dràsta, cha bhiodh ach seirbheis an ionmhais air a fàgail mar a tha i.

Rachadh Foghlam, Cultar agus Spòrs a chur còmhla ri Slàinte.

Dheadh seirbheis ùr choimhearsnachd a chruthachadh a ghabhadh a-steach seirbheisean Còmhdhail agus Dealbhachaidh.

Bhiodh mar as fheàrr an eaconamaidh a thoirt air adhart fo sgèith na seirbheis Chalpa agus Leasachaidh.

Bhiodh seirbheisean coimpiutaireachd an urra ris an Àrd-Oifigear fhèin.

Tha Mgr Barron ag ràdh gun cùmhnadh sin £350,000 gach bliadhna.

Ma dh'aontaicheas coinneamh den Làn-Chomhairle ris na molaidhean, dh'fhaodadh gun tèid an siostam ùr a chur an sàs as t-Earrach 2014.