Ionad Chaoil Thunga leis a' choimhearsnachd

Tha buidheann choimhearsnachd ann an Tunga, an Dùthaich MhicAoidh, air sealbh a ghabhail air ionad coimhearsnachd san sgìre.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd sealbh air Ionad a' Chaoil, agus pìos fearainn a tha ri thaobh, don bhuidhinn North Coast Connection.

Bidh a' bhuidheann an-dràsta a' ruith thachartasan slàinte 's falainneachd, 's iad a' toirt cosnaidh do thriùir luchd-obrach pàirt-ùine.

Tha iad a-nis airson an t-ionad a leasachadh gus am bi e na "hub" coimhearsnachd, far am bi tachartasan gan cumail còig làithean san t-seachdain.

Tha iad cuideachd ag amas air lios coimhearsnachd, le tunail-fàis ann, a stèidheachadh air an fhearann ri taobh an ionaid.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.