Ospadal ùr Bharraigh air fàire

  • 23 An Dàmhair 2013
Barraigh
Image caption Tha Ospadal an Naoimh Bhrianain a' fàs sean.

Tha ospadal ùr a ghabhas àite Ospadal Naoimh Bhrianain ann am Barraigh ceum nas fhaisge, agus Roinn Slàinte na h-Alba air cead a thoirt dha ann am prionnsabal.

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, gun toir ospadal ùr cothrom do dh'euslaintich a bhith a' faighinn cùraim san sgìre aca fhèin.

Thèid a-nis beachdachadh air an sgeama bho shealladh gnothachais.

"Tha mi an dòchas gur e adhartas a th' ann, agus gu bheil sinn air an t-slighe a-nis gu ospadal ùr ann am Barraigh," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Tha an Riaghaltas agus Seirbheis Slàinte na h-Alba a' dèanamh soilleir gu bheil an t-airgead ann a-nis airson ospadail ùir, air sgàth 's nach eil an t-ospadal a th' ann mar a bu chòir airson an àm ri teachd.

"Tha tòrr dhaoine ag obair gu cruaidh ann, ach chan eil an togallach mar a bu chòir.

"Bha mise a' coinneachadh le Bòrd na Slàinte greiseag air ais, agus bha iadsan an dòchas gum biodh togallach ùr air fhosgladh aig toiseach 2015, no tràth sa bhliadhna sin co-dhiù.

"Tha mi an dòchas gur e sin an là a bhios ann, agus tha mi an dòchas cuideachd nach bi dìreach ospadal ann.

"Tha mise dòchasach gum bi dachaigh chùraim ann, agus cuideachd gum bi àite ann airson an dotair ann am Barraigh.

"Ach an ath-cheum, 's e dè seòrsa bheachdan a th' aig a' Chomhairle mu dheidhinn sheirbheisean cùraim ann am Barraigh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile