Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Clàraidhean Gaeilge gan cur air-loidhne

22 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh clàraidhean de dhaoine a' bruidhinn na Gaeilge ann an contaidhean air feadh na h-Èireann far nach eil i ga bruidhinn tuilleadh, a chur air-loidhne.

Chlàradh na daoine ann an 1928-1931, mar phàirt de phròiseact le Acadamh Ríoga na hÉirean.

Rugadh cuid de na daoine a chaidh a chlàradh ron Ghort Mhòr.

Tha na clàraidhean, a tha nan eisimpleirean de dhual-chainntean nach cluinnear an-diugh, a-nis ri chluinntinn air an eadadr-lìon.

Tha Teàrlach Quinnell a' toirt dhuinn na h-aithris seo bho TG4.