Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

A' snàmh gu Taigh Iain Ghròt

22 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S iomadh duine a th' air a dhol air turas eadar Lands End agus Taigh Iain Ghròt son airgead a thogail do charthannas, ach tha a' chuid as motha de dhaoine a' cumail ris na rathaidean air tìr.

Chan eil Sean Conway.

Tha esan a' snàmh eadar an dà àite, rud nach deach a dhèanamh a-riamh roimhe.

Tha e an-dràsta a' dèanamh a shlighe suas cladaichean iar thuath na h-Alba, agus mar a fhuair Calum MacIlleathain a-mach cha deach cùisean buileach mar a bha e an dùil.