Ruaig nan Rabaidean

  • 21 An Dàmhair 2013
Rabaidean
Image caption Lìon na rabaidean beàrn a dh'fhàg spadadh nan rodan san eilean.

Tha a' bhuidheann leis a bheil Eilean Chanaigh air a chur romhpa iomairt-spadaidh a chur air dòigh airson an àireamh de rabaidean a th' anns an eilean a thoirt a-nuas gu mòr.

Cuiridh Urras Nàiseanta na h-Alba cùmhnant a-mach gu tairgse, 's iad ag iarraidh uidhir 's is urrainn dhaibh a mharbhadh.

Tha còig bliadhna bho chuir iad iomairt-spadaidh air dòigh san eilean an aghaidh na bh' ann de rodain, 's iad ag amas air dìon a chur air na h-eòin ghrunnachaidh a bh' ann.

Ach bhon uair sin, tha rabaidean air am beàrn a dh'fhàg na rodain a lìonadh.

Thug spadadh a bh' ann roimhe an àireamh de rabaidean a-nuas gu timcheall air 2,000.

Ach thathas a-nis a' tomhas gu bheil suas ri 16,000 de na beathaichean san eilean as t-Samhradh.

Tha iad a' dèanamh cron, 's iad air an coireachadh airson maoime-slèibhe a dhùin fear de phrìomh rathaidean an eilein.

Thathas cuideachd a' fàgail orra gu bheil iad a' toirt a' bhun-stèidh bho bhallachan, a' milleadh làraichean arc-eòlais, agus fiù 's a' cladhach suas dust dhaoine sa chladh.

Tha taigh-bidhe an eilein air a bhith a' cur na 's urrainn dhaibh de rabaidean air a' chlàr aca.

Ach chan eil sluagh beag an eilein acrach gu leòr, agus tha an t-Urras a-nis ag aithneachadh gum feumar cuideachadh bhon taobh a-muigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile