Ùidh san òtrach airson prìosain ùir

Ceall Chaidh Prìosan Phorterfield a thogail o chionn còrr is 100 bliadhna.

Dh'fhaodadh gun tèid priosan ùr a thogail ann an Inbhir Nis air làrach seann òtrach faisg air Drochaid Cheasaig.

Tha Seirbheis Phrìosan na h-Alba air ùidh a shealltainn anns an làraich, airson fear ùr a thogail an àite Prìosan Phorterfield, ann an sgìre a' Chrùin den bhaile.

Tha deasbad air a bhith a' dol greis mu na bu chòir a dhol an àite Phorterfield.

Tha faireachdainn ann gu bheil am prìosan a th' ann ro bheag airson na th' ann de phrìosanaich, agus ro shean airson an là an-diugh, 's e air a thogail o chionn còrr is 100 bliadhna.

Nochd beachd roimhe, gum faodadh prìosan agus cùirtean a' bhaile a bhith suidhichte còmhla air an aon làraich.

Tha an làrach sa bheil Seirbheis Phrìosan na h-Alba air ùidh a shealltainn air seann òtrach an Longman, an cois na mara air iomall a' bhaile.

Chosgadh prìosan ùr còrr air £60m a thogail.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.