Alexander a' diùltadh ghearainnean

Cuideachadh

Dhiùlt am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach, Danny Alexander, a tha cuideachd na Àrd-Rùnaire ann an Roinn an Ionmhais, gabhail ri gearainnean mu na sgìrean air Tìr Mòr na Gàidhealtachd a chaidh a mholadh airson buannachd fhaighinn à sgeama lasachaidh cìs a' chonaidh.

Chuir oifigearan Roinn an Ionmhais iarrtas dhan Choimisean Eòrpach 's iad a' sireadh cead an sgeama, a tha a' ruith sna sgìrean eileanach an-dràsta, a sgaoileadh gu seachd àiteachan eile air Ghàidhealtachd.

Ach cha deach sgìre sam bith ann an Cataibh, no ann am Moireibh a thaghadh.

Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.