Naidheachdan 11:00m

Cuideachadh
Inbhir Ghràinnse

Thuirt a' chompanaidh Ineos gum biodh iad deònach Ionad Giollachd Ola Inbhir Ghràinnse, a chur gu dol a-rithist nam faigheadh iad gealladh foirmeil nach deadh stailcean no iomairtean eile a ghairm fhad 's a bha co-chomhairleachadh ga dhèanamh air a' phlana aca airson an t-ionad a shàbhaladh. Thuirt an t-aonadh Unite an-diugh sa mhadainn gun aontaicheadh iadsan gun stailcean a ghairm eadar seo agus deireadh na bliadhna nan aontaicheadh Ineos còmhraidhean ùra a chumail air na h-atharrachaidhean a tha iad am beachd a dhèanamh air cùmhnantan an luchd-obrach.

Prìs a' Chonnaidh

Tha Riaghaltas na Co-bhanntachd air cead iarraidh on Choimisean Eòrpach airson sgeama lasachaidh a chonnaidh a leudachadh gu sgìrean dùthchail air Tìr Mòr. Tha seachd coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd am measg an fheadhainn a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn às an sgeama - Ath Tharracaill, Achadh na Sìne, an Apainn, Drochaid Charra, Dail Chuinnidh, Geàrrloch agus Srath Pheofhair.

Ceinia

Thuirt ùghdarrasan Cheinia gu bheil e glè choltach gur e na cuirp aig dithis de na ceannaircich a thug ionnsaigh air ionad bhùithdean Westgate ann an Nairobi air a' mhìos a chaidh a chaidh a lorg ann an sprùilleach an ionaid. Tha iad a' smaointinn gum buineadh an corp eile a chaidh a lorg anns an sprùilleach do shaighdear a chaidh a mharbhadh anns an t-sabaid.

Tramaichean

Fosglaidh dà rathad ann am meadhan Dhùn Èideann gu trafaig a-màireach, agus luchd-obrach air crìoch a chur air obair-togail airson siostam ùr nan tramaichean. Tha sia bliadhna ann bho bha a h-uile pàirt de mheadhan a' phrìomh bhaile saor bho obair co-cheangailte ris a' phròiseact chonnspaideach. Tha luchd-gnothaich a' cumail a-mach gu bheil an eaconamaidh ionadail air fulang gu mòr bho chaidh Shandwick Place agus Manor Place a dhùnadh do chàraichean.

Co-labhairt an SNP

Bheir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gealladh seachad an-diugh gun cùm Riaghaltas na h-Alba orra le taic-airgid do dhaoine a tha a' fulang ri linn atharrachaidhean ann an sochairean taigheadais. Ann an òraid aig co-labhairt Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann am Peairt, tha dùil gum foillsich i gun tèid £20m a chur mu seach a chuidicheas an fheadhainn aig a bheil trioblaidean air sàilleabh Cìs nan Seòmraichean-Cadail mar a tha cuid a' gabhail air. Thathar a' sùileachadh cuideachd gun toir a' Bh.Mh. Sturgeon rabhadh seachad gun tèid buidseat Alba aig Westminster a lùghdachadh ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna.

Saudi Aràibia

Dhiùlt Saudi Aràibia àite a ghabhail air Comhairle Thèarainnteachd nan Dùthchannan Aonaichte agus na Saudaich ag ràdh gu bheil iad a' togail fianais an aghaidh bun-tomhasan dùbailte na buidhne. Tha an dùthaich ag ràdh gum feum a' Chomhairle Thèarainnteachd ath-chruthachadh, seach gu bheil e dearbhte nach urrainn dhi fuasgladh fhaighinn air còmh-strì eadar-nàiseanta.

Goid Meadailte

Thèid duaisean suas ri £10,000 a thabhainn airson fiosrachaidh a dhiteas mèirlich a tha a' goid meadailte o stèiseanan dealain. Tha a' chompanaidh Lìonra Chumhachd na h-Alba ag ràdh gun deach faisg air 1,500 tachartas a chlàradh aig stèiseanan dealain na dùthcha bhon Fhaoilleach 2011.

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.