Leudachadh ga iarraidh air sgeama chonnaidh

  • 18 An Dàmhair 2013

Dh'iarr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' Choimisean Eòrpach an taic a chur ri leudachadh air sgeama faochaidh a' chonnaidh gu cuid de sgìrean dùthchail.

'S ann air Ghàidhealtachd a tha a' chuid as motha de na sgìrean a thathas a' moladh.

Gheibheadh muinntir Ath Tharacaill, Achadh na Sìne, na h-Apann, Drochaid Charra, Dail Chuinnidh, Gheàrrloich agus Shrath Pheofhair faochadh 5sg far prìse gach liotair connaidh.

Tha cuid de sgìrean ann an Sasainn cuideachd air an liosta.

Thuirt Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gun robh e a' tuigsinn, mar fhear a bhuinneas don Ghàidhealtachd, gu bheil "prìs a' chonnaidh dualtach a bhith as àirde far as motha am feum air càraichean."

"Thug sinn faochadh cìse mar thà do dh'eileanan iomallach, agus a-nis tha sinn airson sin a shìneadh do sgìrean air Tìr Mòr far a bheil cosgais a' chonnaidh na h-uallach mòr.

"Chuir sinn fianais làidir air adhart feuch seo a thoirt don uiread 's is urrainn dhuinn de sgìrean.

Tha dùil ri co-dhùnadh bhon Choimisean an ath-bhliadhna.

Tha na deich bailtean a th' air an liosta nas fhaide na 100 mìle air an rathad bhon ionad ghiollachd ola as fhaisge orra, agus tha nas lugha na 135 duine a' fuireach anns gach cilemeatair ceàrnagach annta.