Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich

  • 17 An Dàmhair 2013
Bonn Òir
'S e am Bonn Òir prìomh dhuais sheinn chlasaigich na Gàidhlig.

Chaidh Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig.

'S i Eilidh Rothach, à Dùn Bhreatainn an Ear, a fhuair Bonn nam Ban, 's i a' faighinn 722 phuing thairis air an dà là den fharpais.

Fhuair Raibeart MacDhonnchaidh, às a' Ghearasdan, Bonn nam Fear, 's e a' faighinn 730 puing thairis air an dà là den fharpais.

Seo na comharraidhean a thugadh seachad:

Mnà: Eilidh Rothach - 722; Ceitidh Nic a' Ghobhainn - 716; Alison NicAnnain - 713; Flora Ann NicIllEathain - 709.

Fir: Raibeart MacDhonnchaidh - 730; Dòmhnall-Iain MacIlleDhuinn - 717; Ros Crichton - 715; Ruairidh Mac an t-Saoir - 718; John Howieson - 709.