Buaidh GME air Là Litreachais a' Mhòid

  • 17 An Dàmhair 2013
Sgrìobhadh
Tha mòran sgrìobhaidh a' nochdadh bho chloinn aig na farpaisean.

Tha luchd-foillsichidh na Gàidhlig airson barrachd inbheach a bhrosnachadh peann a chur ri pàipear agus an cuid sgrìobhaidh fhaighinn ann an clò.

B' e Diciadain Là an Litreachais aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig, agus chaidh iomadh duais a thoirt seachad do shean is òg.

Tha na britheamhan den bheachd gu bheil iad a' faicinn buaidh fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, leis na tha iad a' faighinn de sgrìobhadh bho chloinn.

Ach tha iad ag ràdh gun còrdadh e riutha barrachd sgrìobhaidh fhaicinn bho inbhich an thuilleadh air sin.

Taic

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' toirt deagh chothrom do chuideigin aig a bheil beachd air feuchainn ri sgrìobhadh an cuid sgrìobhainnean a chur a-steach gu duaisean a' Chomuinn," thuirt Ceannard Comhairle nan Leabhraichean, Rosemary Ward.

"Agus ma shoirbhicheas leotha, fiù 's ged nach buannaicheadh iad a' chiad duais, dìreach a bhith am measg dhaoine eile agus a bhith a' faicinn dhaoine eile aig a bheil ùidh ann an sgrìobhadh mar a tha acasan.

"Saoilidh mise gun toir e misneachd dhaibh. Bu mhath leamsa tòrr a bharrachd inbheach fhaicinn.

"'S e togail a bh' ann a bhith a' faicinn na chuir a-steach airson farpais trì pìosan bàrdachd am bliadhna.

"Bu mhath leam a-niste barrachd is barrachd inbheach fhaicinn a' gabhail ùidh ann an sgrìobhadh ruisg agus neo-fhicsein cuideachd," thuirt i.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a' ruith sgeama fo am faigh sgrìobhadairean nach do chuir càil ann an clò roimhe taic-airgid luach £2,000 airson an cuideachadh leabhar no bàrdachd fhoillseachadh.

'S e sin a mhisnich Cairistiona Stone, a fhuair ceithir duaisean an-uiridh, agus trì am bliadhna.

"Gu cinnteach bha e feumail dhomhsa gun tàinig mise air bòrd, gun d'fhuair mi an cothrom agus gun do chuir iad earbsa annam agus anns an obair a tha mi a' dèanamh," thuirt i.

"Agus tha mi a-nis aig ìre gu bheil mi ag obair air dà leabhar.

"A' chiad leabhar, tha sinn a-nis air foillsichear a lorg airson sin a dhèanamh, 's tha iad deònach an leabhar a chur ann an clò, agus 's e rud mìorbhailleach a tha sin.

"Cha b'urrainn dhomhsa a bhith air sin a dhèanamh gun taic bho Chomhairle nan Leabhraichean 's mar sin air adhart," thuirt i.

Bha comhairle aig Dòmhnall Uilleam Mac Ille Mhoirich, bho Stòrlann, do dhaoine a tha am beachd eisimpleir Cairistiona a leantainn.

"'S e an teachdaireachd, bruidhinn ri Stòrlann ma tha beachd agad. Bruidhinn ri Acair. Bruidhinn ri Comhairle nan Leabhraichean," thuirt e.

"Tha na trì buidhnean sin ann airson a h-uile taic agus a h-uile stiùir a thoirt.

"Agus mar as motha a chì sinn de sgrìobhadairean a' tighinn troimhe 's ann as fheàrr dhuinne, ach gu h-àraid, 's ann as fheàrr dhan luchd-leughaidh," thuirt e.