Comann ùr do dh'oileanaich a' Cheiltis

  • 16 An Dàmhair 2013
Oileanaich
Image caption Chaidh a' bhuidheann ùr a chur air chois aig a' Mhòd ann am Pàislig.

Chaidh buidheann ùr a bhios a' seasamh chòirichean oileanach a tha a' dèanamh chànanan Ceilteach aig ìre oilthighe a chur air bhog aig a' Mhòd Nàiseanta.

'S e Comann Ceiltis na h-Èireann agus Bhreatainn an t-ainm a th' air a' bhuidhinn, agus tha iad ag amas air ceanglaichean a thogail eadar oileanaich a tha ag ionnsachadh chànanan Ceilteach.

"'S e prìomh obair a' chomainn ceanglaichean a thogail eadar oileanaich ann an diofar oilthighean, ann an diofar dhùthchannan, nach bi a' coinneachadh ri chèile mar as àbhaist, a bhios air cùrsaichean air a bheil Ceiltis mar ainm, ach a bhios a' dèanamh rudan gu math eadar-dhealaichte bho chèile," thuirt labhraiche a' chomainn ùir, Gille-chrìosta MacGill'Eòin.

"Tha sinne ann airson cothrom a thoirt dhaibh tighinn ri chèile, coinneachadh ri chèile, agus òraidean a thoirt seachad ann an co-labhairt a bhios taiceil, 's nach bi cho eagallach 's a bhiodh co-labhairt phroifeasanta.

"Agus tha sinn ann cuideachd airson an riochdachadh nuair a bhios trioblaidean ann, no bagairtean ann an aghaidh nan goireasan aca, agus airson na còirichean aca a sheasamh.

"Dìreach airson chùisean a tha a' buntainn gu dìreach ris na rudan Ceilteach ann an oilthighean. Cha bhi sinn a' dol an sàs ann an rud sam bith poileataiceach san fharsainneachd," thuirt e.