Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thàinig lùghdachadh de 3,000 air na bha de dhaoine gun chosnadh ann an Alba anns na trì mìosan gu deireadh an Lùnastail. Tha an àireamh a-nis a' seasamh aig 201,000 - 20,000 nas ìsle na bha e mun àm seo an-uiridh. Thuit àireamh chion-chosnaidh na Rìoghachd Aonaichte 18,000 eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal, gu 2,490,000. Tha àireamhan ùra cuideachd a' sealltainn gun do dh'fhàs eaconamaidh na h-Alba 0.6% anns an dàrna cairteal den bhliadhna, dìreach beagan air dheireadh air an ìre airson Breatainn anns an fharsainneachd.

Bhòt nam Prìosanach

Chaidh an ath-thagradh aig dithis mhurtairean a bha a' sireadh chòirichean bhòtaidh do phrìosanaich a chaitheamh a-mach leis a' Phrìomh Chùirt an-diugh. Bha Seòras McGeoch, a tha na phrìosanach ann am Prìosan Dhùn Phris, agus Peadar Chester, a' cumail a-mach gun robh riaghailtean Eòrpach a' toirt còir bhòtaidh dhaibh. Mhol am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, breith na cùirteach, mar "cho-dhùnadh toinisgeil."

Inbhir Ghràinnse

Chaidh an stailc dà là a bha san amharc aig ionad giollachd ola Inbhir Ghràinnse a chur dheth ged nach do shoirbhich còmhraidhean sìthe aig ACAS an-raoir. Thuirt luchd-labhairt bhon aonadh Unite gun do dh'fhàilich na còmhraidhean tràth an-diugh sa mhadainn nuair a dh'fheuch riochdairean Ineos, leis a bheil Inbhir Ghràinnse, ri sreath de chùmhnantan ùra a chur orra. A dh'aindeoin sin thuirt e gun robh Unite air co-dhùnadh an stailc a chur dheth airson dìon a chur air an ionad ghiollachd.

Co-chomataidh Mhinistearail

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba gum bi Cìs nan Seòmraichean-Cadail aig bàrr a' chlàr-ghnothaich aige nuair a choinnicheas e ris a' Phrìomhaire aig Sràid Downing an-diugh fhathast. Coinnichidh Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron mar phàirt den Cho-chomataidh Mhinistearail a tha a' gabhail a-steach riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte, Alba, na Cuimrigh, agus Èireann a Tuath.

Èigneachadh

Chuir Poilis Earra-Ghàidheal rannsachadh air chois às dèidh mar a chaidh boireannach èigneachadh ann an Ceann Loch Gilp. Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhoireannach, aois 22, air slighe cùl Bràigh a' Mhansa, ann an uairean beaga na Sàbaid. Tha na Poilis ag ràdh gu bheil am fear a tha iad a' sireadh mu chòig troighean is ochd no naoi òirlich de dh'àirde, le falt dorcha-donn. Bha hudaidh dorcha air agus jeans gorma.

Tubaist-rathaid

Chaidh heileacoptair a chleachdadh airson dràibhear a thogail dhan ospadal às dèidh droch thubaist-rathaid ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha e air a thuigsinn gun deach an duine a dhroch ghoirteachadh anns an tubaist, a thachair air a' B9033 faisg air Cille Chaluim. Tha na Poilis air an rathad a dhùnadh aig làrach na tubaiste, agus tha iad a' toirt air carbadan slighe eile a chleachdadh.