Pasgan ùr mu fhoghlam Gàidhlig

  • 15 An Dàmhair 2013
Clann
Image caption Thèid 10,000 de na pasgain a sgaoileadh do bhuidhnean air feadh na dùthcha.

Tha dòchas ann gun tig leudachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig le goireas ùr.

Aig a' Mhòd ann am Pàislig, dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig pasgan air a bheil 'Fios agus Freagairt."

Tha e ag amas air pàrantan aig nach eil Gàidhlig, no aig nach eil ach corra fhacal, a bhrosnachadh an clann a chur gu sgoil neo ionad Gàidhlig.

Tha am Bòrd ag ràdh gun tèid 10,000 dhiubh a sgaoileadh air feadh na dùthcha.

Teagasg

"'S e Fios is Freagairt rud a bh' ann o chionn iomadach bliadhna, rud a rinn Comann nam Pàrant, agus ann an co-bhann riuthasan tha sinn air cur ris a' ghoireas a tha siud, agus cuideachd pasgan a chruthachadh," thuirt Steafan MacIomhair, bho Bhòrd na Gàidhlig.

"Pasgan anns a bheil fiosrachadh do phàrantan aig a bheil ùidh an cuid cloinne a chur tro fhoghlam tron Ghàidhlig.

"Tha na pasgain seo a' coimhead air foghlam tron Ghàidhlig san fharsainneachd, a' coimhead air na tràth-bhliadhnaichean, a' dol suas gu foghlam san àrd-sgoil.

"Ag innse do phàrantan mu dheidhinn gach ceum ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinn airson am fiosrachadh ceart a chur a-mach don mhòr-shluagh.

"Tha fhathast rud beag aineolais ann mu dheidhinn foghlaim tron Ghàidhlig, agus tha sinn airson daoine a theagasg mu dheidhinn ceart.

"Anns na pasgain seo tha fiosrachadh glan, mionaideach mu dheidhinn gach ceum ann am foghlam tron Ghàidhlig, agus tha sinn an dòchas gum brosnaich sin pàrantan an cuid cloinne a chur tro fhoghlam tron Ghàidhlig," thuirt e.

Dh'aidich Mgr MacÌomhair, ma thathas ag amas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh, gu bheil tidsearan, a thuilleadh air chloinn, a dhìth, agus thuirt e gu bheil Bòrd na Gàidhlig ag obair a dh'ionnsaigh tuilleadh thidsearan a thàladh dhan t-siostam cuideachd.

"Anns na pasgain fiosrachaidh tha billeag ann a' sealltainn mar as urrainnear a dhol an sàs ann an teagasg cuideachd," thuirt e.

"Chan ann a-mhàin a' coimhead air foghlam tron Ghàidhlig airson phàrantan a tha e - tha cuideachd fiosrachaidh anns na pasgain a tha a' sealltainn slighean gu teagasg cuideachd.

"Tha sinn uabhasach mothachail gum feum sinn àrdachadh na h-àireimh de thidsearan cuideachd, agus tha sinn ag obair gus sin a choileanadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile