Misneachd do "Ar n-Eileanan ri Teachd"

  • 15 An Dàmhair 2013
Ar n-Eileanan ri Teachd
Image caption 'S e BP Arcaibh is Shealtainn a-nis Rùnaire na h-Alba.

Tha dòchas às ùr aig na comhairlean eileanach gum faigh iad tuilleadh chumhachdan, an dèidh dhaibh coinneachadh ri Rùnaire ùr na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil.

Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gu bheil e taiceil a thaobh cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a thoirt do na h-ùghdarrasan ionadail, agus gu bheil cothrom ann an gnothach a phutadh air adhart.

"Tha sinn air ar misneachadh leis na thuirt Mgr MacIlleMhìcheil an-dè, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin fear de na rudan a bha sinne a' sireadh a dh'fhaodadh a bhith air a dhèanamh gu math aithghearr," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Ach chan eil càil air aontachadh fhathast a thaobh clàr-ama airson sin.

"Tha atharrachaidhean air a bhith ann.

"Tha Oighreachd a' Chrùin air a bhith a' dèanamh beagan a bharrachd sna sgìrean iomallach agus timcheall an oirthir thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad bho thòisich na còmhraidhean a bha seo.

"Tha sinn dha-rìribh a-nis a' faicinn chomharran gu bheil cùisean a' gluasad air adhart mar a lùigeadh sin a bhitheadh iad.

"Chan eil duine ag ràdh gu bheil na rudan a tha sinn a' sireadh an seo mì-choltach agus nach gabh iad dèanamh," thuirt e.