Coimisean a' coimhead ri leabharlannan Mhoireibh

  • 14 An Dàmhair 2013

Beachdaichidh Coimisean na Co-ionnanachd agus nan Còraichean Daonna Diluain air co-dhùnadh gus seachd leabharlannan ann am Moireibh a dhùnadh.

Tha luchd-iomairt a' gearan gu làidir an aghaidh a' cho-dhùnaidh aig Comhairle Mhoireibh.

Tha 15 leabharlannan san sgìre an-dràsta.

Chaidh na ceudan de luchd-iomairt a' caismeachd tro Eilginn Disathairne.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gu bheil argamaid glè làidir aca an aghaidh a' cho-dhùnadh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Ailean Wright, gum feum iad £30m not a shàbhaladh eadar seo is 2016, a' ciallachadh gum feumar gearraidhean doirbh a dhèanamh.

Thuirt e cuideachd gum bi seirbheis leabharlainne glè mhath san sgìre fiù 's ged a bhios na gearraidhean ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile