Deagh thoiseach-tòiseachaidh don Mhòd

Pàislig Bha mòran Ghàidheal a' fuireach sa bhaile san 20mh Linn.

Tha co-fharpaisean seinn Mòd na Cloinne a' tòiseachadh Diluain ann am Pàislig.

Chaidh am Mòd fhosgladh oidhche Haoine, leis na ceudan a' cruinneachadh air na sràidean.

Bha caismeachd tron bhaile le lasairean, còisirean, còmhlan pìoba agus dannsairean, le cuirm às dèidh làimhe ann an Talla a' Bhaile.

Is coltach gun do chòrd gnothaichean ri muinntir a' bhaile.

"'S math gu bheil e ann am meadhan na h-Alba. Gu math tric tha e anns na h-Eileanan 's tha a' chosgais ro mhòr airson faighinn thuige," thuirt tè de na bh' air na sràidean.

"'S e deagh oidhche a bh' ann, agus tha e math dhan bhaile cuideachd gu bheil seo ann. Cha robh mi fhèin a' mothachadh dhan cheangal a bh' ann eadar Pàislig 's a' Ghàidhlig nas motha. 'S math sin ionnsachadh," thuirt fear eile.

B'e an Siorram Ruairidh Iain MacLeòid, Cathraiche an t-Sabhail Mhòir, a dh'fhosgail am Mòd gu h-oifigeil, agus e ag ràdh gur math an fhèis a thoirt gu Pàislig.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil àite sam bith ann an Alba iomchaidh airson Mòd a chumail ann," thuirt e.

"O chionn, 's e an teachdaireachd a bh' agamsa anns na thuirt mi a-nochd, gum buin a' Ghàidhlig do dh'Alba air fad, 's do shluagh na h-Alba air fad.

"Bha là ann nuair a bha i air a bruidhinn air feadh Alba.

"Ach gu cinnteach, tha e freagarrach mòd a bhith ann an àite mar Phàislig, leis na bh' ann de Ghàidheil aig aon àm.

"Cha leig thu leas a dhol air ais gu toiseach eachdraidh na h-Alba airson Gàidhlig a bhith ga bruidhinn anns an sgìre seo.

"Bha gu leòr ann anns an 19mh Linn, toiseach na 20mh Linne.

"Agus bidh sinn an dòchas gum bi gu leòr ann fhathast, gum bi i cho bitheanta anns an àm ri teachd 's a bha i aig aon àm an seo," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.