£100,000 is tosgaire ùr dhan Ghàidhlig

  • 11 An Dàmhair 2013
Gàidhlig
Dh'fhoillsich Alasdair Allan airgead a bharrachd agus tosgaire ùr dhan Ghàidhlig.

Chaidh £100,000 a ghealltainn son sgilean cànain luchd ionnsachaidh na Gàidhlig a neartachadh - còmhla ri tosgaire ùr dhan chànan.

Dh'fhoillsich Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, an naidheachd is Mòd 2013 gus tòiseachadh ann am Pàislig.

Thèid an t-airgead a roinn eadar grunn phròiseactan.

Gheibh Bòrd na Gàidhlig £41,000.

Thèid £21,000 a chosg gus cuideachadh a thoirt do phàrantan le clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is £20,000 dhan sgeama a tha ag amas air barrachd dhaoine a thàladh gu teagaisg sa Ghàidhlig.

Tha £30,000 son trèanadh do thidsearan anns na bun-sgoiltean.

Gheibh Fèisean nan Gàidheal £20,000 a dh'ionnsaigh an cuid obrach ann an sgoiltean son leasanan Gàidhlig ann am bùithean-obrach dràma.

Thèid £10,000 dhan Chomunn Gàidhealach airson co-òrdanaiche-ciùil fhastadh a bhios ag obair còmhla ri Comann nan Còisirean Ciùil airson prògram Chòisirean Òga Gàidhlig a leasachadh.

Tosgaire

Dhearbh Alasdair Allan cuideachd gur e Iar-Phrionnsabal Shabhal Mòr Ostaig, Iain Tormod MacLeòid, Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna.

Tha Mgr MacLeòid air obair mhòr a dhèanamh thar iomadh bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig.

Rinn Ceann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Macleòid, moladh air Iain Tormod.

"Ann am bliadhna a tha air leth sònraichte airson Sabhal Mòr Ostaig, tha An Comunn Gàidhealach fìor thoilichte Iain Tormod ainmeachadh mar Thosgaire na Bliadhna airson an obair a rinn e fad 30 bliadhna.

"Tha e feumail obair èifeachdach aithneachadh agus, gun teagamh sam bith, tha Iain Tormod airidh air a seo", thuirt e.