Lib-Deamaich Gàidhealach gan càineadh

  • 11 An Dàmhair 2013
Luchd-iomairt
Image caption Rinn luchd-iomairt aig oifsean Comhairle na Gàidhealtachd càineadh air na Lib-Deamaich.

Dh'aontaich Buill-Phàrlamaid Lib-Deamach air a' Ghàidhealtachd beachdachadh air moladh nach bu chòir Cìs nan Seòmraichean-cadail a chur air daoine tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach.

Choinnich Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander agus dithis BhP Lib-Deamach eile air a' Ghàidhealtachd, Teàrlach Ceanadach agus Iain Thurso, le buidhinn-obrach bho Chomhairle na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis Dihaoine.

Chaidh na Lib-Deamaich a chàineadh nuair a nochd iad le luchd-iomairt a bha a' togail fianais an aghaidh na cìse aig oifisean na Comhairle.

Am measg an luchd-iomairt bha fear a bha a' seinn gur e Tòraidhean ann an aodaich choimheach a bha anns na Lib-Deamaich.

Cùl

Chleachd Mgr Alexander an doras cùil aig a' Chomhairle gus an luchd-iomairt a sheachnadh.

Choisich Mgr Ceanadach agus Mgr Thurso tron luchd-iomairt.

Thuirt cathraiche buidheann-obrach na Comhairle, Alasdair Christie, gur e deagh choinneamh a bh' ann.

Thuirt e gu bheil e air a mhisneachadh gun do dh'aontaich na Buill-Phàrlamaid coimhead air buaidh na cìse air sgìrean iomallach gun mòran de thaigheadas poblach.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd roimhe nach rachadh a' chìs air sgìrean iomallach.