Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Post Rìoghail

Chaidh an treas cuid ri luach nan earrannan anns a' Phost Rìoghail an dèidh dhan chiad chnap dhiubh a dhol air a' mhargaidh an diugh. Chaidh deich muillean dhiubh a reic air a' chiad leth mhionaid an dèidh dhan mhargaidh fosgladh agus dh'èirich an luach aig aon àm bho £3.30 gach earrann gu còrr 's £4.50.

Snowden

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gun robh am pàipear-naidheachd, an Guardian, ceart ann a bhith a' foillseachadh fiosrachadh bho Eideard Snowden a bha aig aon àm ag obair do sheirbheis brathaidh nan Stàitean Aonaichte. Thuirt ceannard MI5, ann an òraid a fhuair taic a' Phrìomh Mhinisteir, Dàibhidh Camshron, gun tug am pàipear "tiodhlac" do cheannarcich. Thuirt Mgr Cable ge-tà gur ann a rinn an Guardian "seirbheis mhòr dhan phoball".

Stailc

Thèid luchd-smàlaidh ann an Sasainn agus a' Chuimrigh air stailc airson còig uairean de thìde Disathairne - seachdain a-màireach - agus iad a' gearan air atharrachadh air plana a bheireadh atharrachadh air a' pheinnsean aca. Thuirt luchd-smàlaidh na h-Alba nas traithe air an t-seachdain nach bi iad a' dol air stailc an dèidh aonta le Riaghaltas na h-Alba.

Dùn Èideann

Chàin an Coimiseanair airson Sgrùdadh Neo-Eisimeileach air na Poileas an dòigh san deach cùis boireannaich à Dùn Èideann, a chuir làmh na beatha fhèin, a làimhseachadh. Tha an t-Ollamh Iain McNèill, a' cur na h-uimhir de mholaidhean a-nise gu Àrd-Chonstabal na sgìre. Tha seo an dèidh bàs boireannaich ann an sgìre Chlermiston ann an Dùn Èideann san Òg-Mhìos, agus teaghlach a' bhoireannaich a' gearan nach tug poileas feart orra gun robh cunnart ann gun cuireadh i làmh na beatha fhèin.

Nobel

Chaidh duais sìth Nobel na bliadhna a thoirt do OPCW, a' bhuidheann a tha a' strì an aghaidh agus a' cur às do dh'armachd cheimigeach. Tha a' bhuidheann sin an-dràsta os cionn cur às do dh'armachd cheimigeach Shiria. Thuirt Comataidh Nobel ann an Oslo gu bheil a' bhuidheann air obair chudromach a dhèanamh bho chaidh a stèidheachadh ann an 1997.

Tuath-gaoithe

Chaidh rabhadh gun tèid cothrom air tuath-gaoithe coimhearsnachd ann an Uibhist a Tuath a chall uile gu lèir mura faigh e cead-dealbhachaidh a dh'aithghearr, agus Ministrealachd an Dìon a' seasamh an aghaidh a' phlana. Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gu bheil an t-àm aig Comhairle nan Eilean Siar seasamh nas cruaidhe a ghabhail air a' chùis.