Taic ga sireadh 'son seirbheis-adhair

  • 11 An Dàmhair 2013
Port-adhair Obar Dheathain Image copyright Bill Harrison
Image caption Tha luchd-obrach na h-ola anns na h-Eileanan Siar ag ràdh nach eil an clàr-ama eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain freagarrach dhaibh.

Chaidh iarraidh air Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, taic-airgid a thoirt seachad 'son piseach a thoirt air an t-seirbheis-adhair eadar Obar Dheathain agus Steòrnabhagh.

'S e seirbheis a th' ann a bhios gu leòr de luchd-obrach na h-ola às na h-Eileanan an Iar a' cleachdadh, ach tha mòran air gearain nach eil an clar-àma a th' ann an-dràsta freagarrach.

Bidh am plèana a' falbh ann am meadhan an là le aon sheirbheis gach là.

Còmhraidhean

Tha iomairt a' dol gus an clàr-àma atharrachadh agus Eastern Airways, a tha a' ruith na seirbheis, air leigeil fhaicinn bho chionn ghoirid gu bheil iad deònach a dhol an sàs ann an còmhraidhean.

A-nise tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gun gabh maoin ùr aig Riaghaltas Bhreatainn a chleachdadh gus an t-seirbheis a leudachadh.

Thuirt Mgr Allan gum bu chòir dà sheirbheis san là a bhith ann.

"Tha argamaid gu math làidir ann airson seirbheisean eadar Steòrnabhagh is Obar Dheathain a bhith air nas trice air sgàth 's gu bheil eaconamaidh nan Eilean Siar a' crochadh ann an dòigh mhòir air daoine a tha a' fuireach anns na h-eileanan ach a tha ag obair aig muir," thuirt e.

Taic-airgid

Thuirt e gum faodadh taic-airgid 'son sin tighinn à Stòras Lìonra Ionadail nan Seirbheisean-Adhair, a stèidhich Danny Alexander am bliadhna.

Dh'fheumadh Obar Dheathain a chomharrachadh mar phort-adhair hub gus brath a ghabhail air an stòras sin.

Chuir Mgr Allan litir gu Mgr Alexander a dh'fhaighneachd an gabh sin a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile