Tàilich a' lorg mhanaidseir ùir

  • 10 An Dàmhair 2013
Ceann Loch Seile is Bail' Ùr an t-Slèibh
Tha Ceann Loch Seile air ceann a' mhaide a chumail ris na sgiobaidhean as fheàrr a th' ann fo stiùir Johnston Gill

Tha Ceann Loch Seile a' lorg mhanaidseir ùir is Johnston Gill air seasamh sìos.

Ghabh Gill an stiùir e fhèin ann an 2011 às dèidh dha a bhith san obair còmhla ri Cè Loades roimhe.

Bhuannaich Ceann Loch Seile Lìog Tuath 1 sa chiad seusan aige agus ghlèidh iad an t-àite aca sa Phrìomh Lìog an-uiridh, is iad cuideachd a' ruighinn iar chuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

Chrìochnaich an sgioba san ochdamh àite sa Phrìomh Lìog am bliadhna.

'S e seo an linn as fheàrr ann an eachdraidh a' chluba is iad air a' chùis a dhèanamh air leithid Bhail' Ùir an t-Slèibh, Chaoil Bhòid agus Chinn a' Ghiuthsaich bho chaidh iad suas dhan Phrìomh Lìog.

Tha dùil gun tèid manaidsear ùr a thaghadh aig coinneimh bhliadhnail Chinn Loch Seile air an ath-mhìos.

Chan iad an aon sgioba air a' chost an iar a tha gun mhanaidsear is na nàbaidhean aca san Eilean Sgitheanach fhathast a' sireadh mhanaidsearan ùra son a' chiad agus darna sgiobaidhean aca.