Sgaradh bheachd air aithisg oighreachdan

  • 10 An Dàmhair 2013
Fearann
Image caption Tha luchd-iomairt an fhearainn a' cur teagamh ann an neo-eisimeileachd na h-aithisg.

Thàinig sgrùdadh fad còig bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean dhan cho-dhùnadh nach e cò an t-uachdaran as cudromaiche do dh'oighreachdan air Ghàidhealtachd, ach càirdeas nas fheàrr ris a' choimhearsnachd.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le Ionad Rannsachaidh nam Monaidhean aig Colaiste Pheairt.

'S e na bha fa-near dha ach coimhead ri mar a ghabhadh oighreachdan air Ghàidhealtachd ruith gu seasmhach.

Bha iad a' coimhead ri seasmhachd na h-àrainneachd, seasmhachd ghoireasan, seasmhachd obraichean, seasmhachd na h-eaconamaidh is eile.

Co-obrachadh

Chaidh toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh ann an leabhar air a bheil Lairds, Land and Sustainability.

Tha an aithisg sin a' moladh gun deadh guth a thoirt do choimhearsnachdan a thaobh na dòigh sa bheil uachdarain a' ruith oighreachdan, agus gum feum Alba measgachadh de dhiofar sheòrsaichean uachdarain, eadar feadhainn mhòra phrìobhaideach, urrasan coimhearsnachd, buidhnean glèidhteachais, buidhnean poblach is eile.

Chan eil an aithisg ag ràdh gu bheil càil ceàrr air daoine bho thall-thairis a bhith os cionn oighreachdan seilge is eile air Ghàidhealtachd.

Tha faisg air 350 oighreachd seilge air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, a' gabhail suas còrr is dà mhillean hectaire fearainn, agus 's ann le daoine nach eil a' fuireach san dùthaich seo a tha faisg air dà thrian dhiubh.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an t-airgead a tha na h-uachdarain bho thall-thairis a' cur ris na sgìrean sa bheil fearann aca cudromach.

Thog an aithisg dragh mu mar a ghabhas oighreachdan a th' ann an làmhan na coimhearsnachd maoineachadh san àm ri teachd, leis gu bheil an ceithir ris an do choimhead iad uile a' faighinn airgid phoblaich.

Tha luchd-leasachaidh fearainn, a tha airson oighreachdan mòra a chur ann an làmhan na coimhearsnachd, a' cur teagamh anns an sgrùdadh, seach gur e uachdaran beartach a phàigh air a shon.

'S esan Henry Angest, a bhuinneas dhan Eilbheis, aig a bheil oighreachd ann an Alba, agus a thug còrr is cairteal de mhillean not do Cholaiste Pheairt airson an rannsachaidh.

Tha e cuideachd, a rèir aithris anns a' phàipear-naidheachd an Observer, air £7m a thoirt seachad don Phàrtaidh Thòraidheach.

Tha an t-Oll. Màrtainn Price, a rinn an rannsachadh, ag ràdh nach tug poileataigs Mhgr Angest buaidh sam bith air an rannsachadh.

"Cha robh claonadh sam bith nar sealladh den rannsachadh," thuirt e.

"Cha chreid mi gun robh sinn a' gabhail rathaid shònraichte sam bith dìreach air sgàth 's gun robh aon duine prìobhaideach air an rannsachadh a mhaoineachadh.

"Tha oighreachd aige, tha e na bhall de dh'Oighreachdan is Fearann na h-Alba, ach tha sinne, gun teagamh sam bith, den bheachd gun robh an obair a rinn sinn gun chlaonadh, agus 's dòcha nach deach an rannsachadh an rathad a dh'iarradh Mgr Angest.

"Ghabh an rannsachadh an rathad a ghabh e ri linn 's gur e sin an fhianais a fhuair sinn," thuirt e.

Dùthchannan Lochlannach

Tha luchd-iomairt an fhearainn a' gabhail ri cuid de na fhuair an rannsachadh, ach tha iad fhathast a' cur teagamh ann.

Thuirt am fear-iomairt Andy Wightman, gu bheil na tha an aithisg ag ràdh mu cho-obrachadh leis a' choimhearsnachd math agus inntinneach.

Ghabh e cuideachd ris gu bheil mòran rannsachaidh acadaimigich ga mhaoineachadh san dòigh sin.

Chan eil e idir a' gabhail ris na co-dhùnaidhean bunaiteach dhan tàinig an rannsachadh ge-tà.

Chan eil e a' faicinn gu bheil feum air uachdarain mhòra is airgead-calpa bho thall-thairis airson oighreachdan a ruith anns an dòigh as fheàrr.

Thuirt e gu bheil fianais gu leòr ann gun gabhadh oighreachdan ruith le coimhearsnachdan, buidhnean poblach is eile mar a tha iad anns na dùthchannan Lochlannach.

Thuirt Mgr Wightman nach eil ann ach aithisg nach do dh'fheuch ann an dòigh sam bith ri choimhead gu fosgailte ri ceist ath-leasachaidh an fhearainn.