Iarrtas 'son soidhnichean Gàidhlig

  • 10 An Dàmhair 2013
Tram
Image caption Tha dùil gum fosgail loidhne tramaichean Dhùn Èideann mu dheireadh thall sa Chèitean 2014.

Chaidh iarraidh air Comhairle Dhùn Èideann Gàidhlig a chur air na soidhnichean air loidhne ùr tramaichean a' bhaile.

Thòisich deuchainnean air na tramaichean an t-seachdain seo agus tha dùil gum fosgail an loidhne ùr gu h-oifigeil sa Chèitean an ath-bhliadhna.

Thèid na tramaichean eadar Port-adhair Dhùn Èideann agus meadhan a' bhaile.

Tha fear a tha tric a' cleachdadh còmhdail phoblaich sa bhaile, Craig Cockburn, ag ràdh gum bu chòir soidhnichean Gàidhlig a bhith an cois na seirbheis ùir.

Beurla

Dh'innis Mgr Cockburn gun do chuir e fios air Tramaichean Dhùn Èideann mar thà, is gun deach innse dha nach eil dùil aca ach Beurla a chur air na soidhnichean, ach gur dòcha gum beachdaich iad air a' ghnothach às ùr nuair a tha na tramaichean air tòiseachadh.

A rèir Mhgr Chockburn, chan eil sin math gu leòr.

Ann am post-dealain gu Tramaichean Dhùn Èideann thuirt e gum biodh e fada na bu shaoire soidhnichean dà-chànanach a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach, seach soidhnichean atharrachadh gus Gàidhlig a chur orra san àm ri teachd.

Tha e a' cumail a-mach cuideachd gum bu chòir dha na soidhnichean a bhith dà-chànanach fo Phlana Ghàidhlig Comhairle Dhùn Èideann.

Chaidh soidhnichean sa Ghàidhlig a chur air dòigh mar thà aig stèiseanan rèidhle ann an Dùn Èideann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile