Mòd Phàislig air fàire

  • 10 An Dàmhair 2013
Pàislig Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption 'S e seo a' chiad uair a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Pàislig

Tha an t-ullachadh mu dheireadh ga dhèanamh ann am Pàislig, air thoiseach air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thòisicheas anns a' bhaile oidhche Haoine.

Cha deach am Mòd a chumail anns a' bhaile roimhe.

A thuilleadh air na farpaisean agus cuirmean àbhaisteach tha fèis eile, air a bheil an t-ainm "Spree", gu bhith a' tachairt anns a' bhaile cuideachd agus tha dùil gun lean i anns na bliadhnaichean ri teachd mar dhìleab a' Mhòid.

Ùidh mhòr

Thuirt cathraiche chomataidh Mhòd Phàislig, Ealasaid NicDhòmhnaill, gu bheil muinntir Phàislig a' gabhail ùidh anns a' Mhòd.

Tha iad air a bhith ag ullachadh air a shon fad dà bhliadhna, thuirt i, agus tha fadachd air daoine prìomh fhèis nan Gàidheal fhaicinn dhaibh fhèin.

Tha i cuideachd dhen bheachd gu bheil e math gu bheil am Mòd ga chumail ann an àitean eadar-dhealaichte mar dhòigh air a thoirt gu aire barrachd dhaoine.

Coimhearsnachd

"Tha mise air a bhith a' fuireach ann am Pàislig 'son deich bliadhna a-nise agus tha mi a' smaointinn gu bheil seo a' dol a dhèanamh rudan mòra 'son na Gàidhlig sa choimhearsnachd a tha seo.

"S e direach am beachd agamsa, ma bhios sinn ag iarraidh Gàidhlig a bhrosnachadh agus a' toirt a' chultair againn a-mach gu daoine eile, agus airson gum bi fios aig daoine carson a tha gaol againne air a' Ghàidhlig agus an cultar againn, feumaidh sinn toirt fèisean mar seo gu bailtean ùra mar seo", thuirt i.

Bidh caismeachd tron bhaile le pìobairean is dannsairean oidhche Haoine mus bi am fosgladh oifigeil ann aig Talla Bhaile Phàislig, le cèilidh às dèidh làimh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile