Comhairle na h-Eaglaise Brice
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Plana Gàidhlig na h-Eaglaise Brice

10 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhoillsich Comhairle na h-Eaglaise Brice plana Gàidhlig an t-seachdain seo, ach cha robh fios aig an duine air a bheil uallach airson a' phlana dè tha a' nochdadh ann.

Tha am plana a' cur ron chomhairle gun leudaich iad aithneachadh na Gàidhlig, gun dèan iad nas fhasa e do dhaoine a' Ghàidhlig fhaicinn 's a chluinntinn, agus gun toir iad taic do thrèanadh do dhaoine ann an sgilean cànain.