Plana Gàidhlig na h-Eaglaise Brice

  • 9 An Dàmhair 2013
Comhairle na h-Eaglaise Brice Image copyright other
Image caption Feumaidh comhairlean na h-Alba planaichean Gàidhlig ullachadh fon lagh.

Chuir Comhairle na h-Eaglaise Brice plana Gàidhlig air bhonn oidhche Mhàirt, ach cha robh fios aig an duine air a bheil uallach air a shon dè a th' anns a' phlana.

Tha am plana a' cur ron Chomhairle gun leudaich iad aithneachadh na Gàidhlig, gun dèan iad nas fhasa e do dhaoine a' Ghàidhlig fhaicinn 's a chluinntinn, agus gun toir iad taic do thrèanadh do dhaoine ann an sgilean cànain.

Tha iad cuideachd airson 's gun tig fàs air an àireamh de dhaoine san sgìre a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, air na tha de Ghàidhlig ga cleachdadh san dachaigh, agus cuiridh iad a' Ghàidhlig air adhart gu poblach, mar phàirt de ghnothaichean coimhearsnachd, ealain, cultar, dualchas agus turasachd.

Nì a' Chomhairle cuideachd sgrùdadh air an iarrtas a th' ann air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgìre cuideachd.

Tuigse

Rinn a' Chomhairle fiolm goirid, a tha còig mionaidean de dh'fhaid, a tha a' mìneachadh cò-theacsa agus eachdraidh na Gàidhlig gu h-ionadail agus gu nàiseanta.

Ach, nuair a chaidh fhaighneachd dha, cha robh fhios aig Nigel Mac an Fhleidseir, a tha os cionn sheirbheisean foghlaim na Comhairle, na bh' anns a' phlana, no fiù 's mar a tha foghlam Gàidhlig air a mhaoineachadh.

"Cha robh mi an dùil ri ceist cho mionaideach air na tha am broinn a' phlana fhèin," thuirt e.

Tha am plana air na h-uidhir de mhisneachd a thoirt do luchd-taic na Gàidhlig san sgìre.

"Bha e doirbh a' rughinn clas ann an 2005 gu 2010," thuirt Diane Nic an t-Saoir, a bhios a' ruith chlasaichean Gàidhlig anns an Eaglais Bhric, agus 19 duine gan gabhail.

"Tha mi an dòchas gum bi e nas fheàrr a-nis," thuirt i.

Tha grunn chomhairlichean, seann Bhall-Pàrlamaid na sgìre, agus gu leòr anns a' mhòr-shluagh, air draghan a thogail mu bhith a' cosg airgid air a' Ghàidhlig.

"Tha daoine ann nach eil a' tuigsinn a' ghnothaich," thuirt Gayle Mhàrtainn, a bha an sàs ann a bhith ag ullachadh a' phlana.

"Chan e an còmhnaidh gu bheil iad na h-aghaidh, 's ann a tha iad ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach.

"'S e sin na fhuair sin nuair a bhruidhinn sinn ri luchd-obrach na Comhairle, agus ri buill den phoball.

"Bha sinn airson a bhith cinnteach gun robh deagh thuigse aca air na h-adhbharan a bh' againn seo a chur air adhart.

"Tha sinn an dòchas gun tuig iad gur e ceum gu math adhartach a th' ann do dh'Alba," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile