Clach-mhìle an Loch Baghasdail

  • 9 An Dàmhair 2013
Eilean Ghàsaigh Image copyright Other
Image caption Tha ceangal ann a-nis eadar Rubha Bhuailt agus Eilean Ghàsaigh.

Ghabh pròiseict leasachaidh Chaladh Loch Baghasdail ceum mòr air adhart is cabhsair a-nise a' dol eadar Rubha Bhuailt agus Eilean Ghàsaigh.

'S e seo tè de na prìomh phròiseictean aig an uachdaran choimhearsnachd, Stòras Uibhist.

Tha an cabhsair ùr a' fàgail gu bheil e a-nise comasach coiseachd gu Eilean Ghàsaigh nuair a tha muir tràigh ann.

Thairis air na mìosan ri tighinn thèid tuilleadh obrach a dhèanamh gus an cabhsair àrdachadh agus a leudachadh.

Air a' cheann thall bidh marina ùr ann le àite ann 'son 51 bhàta agus goireasan air tìr cuideachd.

Tha doimhneachd a bharrachd timcheall air Eilean Ghàsaigh na tha aig Cidhe Loch Baghasdail fhèin.

A bharrachd air a' mharina, thathas an dùil leasachaidhean coimearsalta eile a chur air adhart air an eilean.

Bidh cothrom cuideachd an talamh a leasachadh air Rubha Bhuailt, is dòchas gun tèid taighean a thogail an sin.

"S e clach-mhìle mhòr a th' ann gum faigh thu a-nise a-null is a-nall eadar Tìr Mòr Uibhist a Deas agus Eilean Ghàsaigh," thuirt Cathraiche Leasachadh Loch Baghasdail Earranta, Seonaidh MacIlleMhaoil.

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil gu bheil a' phròiseict na h-eisimpleir air na ghabhas dèanamh nuair a ghabhas coimhearsnachd smachd air an fhearann aca fhèin.

Tha dùil gum bi am pìos a tha seo den phròiseict deiseil sa Ghearran 2015.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile