Luchd-taic
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Duais do luchd-taic

9 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an àireamh de dhaoine a tha a' bàsachadh le tinneas-cridhe an Alba air tuiteam 50% san deich bliadhna a dh'fhalbh - ach suarach cho math sa tha cùisean fhathast an taca ri dùthchannan Eòrpach eile.

Tha a' bhuidheann Broilleach, Cridhe is Stròc na h-Alba a' feuchainn ri taic a thoirt do dhaoine air a bheil tinneas-cridhe agus an fheadhainn a tha a' toirt cùram dhaibh.

Chruinnich a' bhuidheann aig toiseach na mìos airson taing a thoirt do luchd-taic saor-thoileach as dèidh dhaibh duais shònraichte a chosnadh.